Gàidhlig A-staigh ga brosnachadh an Glaschu
- Air fhoillseachadh
Tha buidheann ann an Glaschu ag amas air teaghlaichean a tha a' feuchainn ri clann a thogail le Gàidhlig a thoirt còmhla.
'S e Gàidhlig A-staigh a tha air a' bhuidhinn is iad a' feuchainn ri tachartas a chur air dòigh gach mios.
Aig an ìre seo tha mu 20 pàrant an sàs.
Tha an fheadhainn a stèidhich Gàidhlig A-staigh mothachail air cho cudromach 's a tha e gum faigh clann cothrom an cànan a chluinntinn is a bhruidhinn ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte.
Tha Beth Frieden is Tòmas MacAilpein am measg na chuir a' bhuidheann air dòigh.
"Chan eil Gàidhlig bhon ghlùin aig a' mhòr-chuid de phàistean anns an sgoil is tha e cudromach gu bheil iad a' faicinn gu bheil barrachd ann na dìreach iad fhèin, agus gum faigh iad cothrom a bhith a' cabadaich gu nàdarra ann an Gàidhlig còmhla ri clann eile," thuirt Beth.
Tha iad cuideachd mothachail air cho cudromach 's a tha e pàrantan a thoirt còmhla gus an urrainn taic a chumail ri chèile.
Tha Seonaidh MacThòmais am measg nam pàrantan sin is e ag ràdh gu bheil rudan mar Ghàidhlig A-staigh anabarrach cudromach.
"Mura robh na daoine seo agam bhiodh e air a bhith mòran na bu dorra Gàidhlig a thoirt seachad dhan chloinn agam," thuirt Seonaidh.
"Chan eil Gàidhlig aig am màthair is 's e dìreach mi fhìn a tha ga cumail a' dol.
"A' coinneachadh a h-uile seachdain airson Gàidhlig a bhruidhinn ann an suidheachaidhean nàdarra, tha mi a' smaointinn gur e sin aon de na h-adhbharan as motha gu bheil Gàidhlig aig a' chloinn agam.
"Tha iad a' faicinn gu bheil e àbhaisteach, chan e dìreach rud a tha thu a' faighinn ann an sgoil-àraich no sgoil, is gu bheil iad a' faighinn cothrom a bhith a' cluinntinn a' chànain ga cleachdadh ann an suidheachadh nàdarra."
Tha dòchas ann a-nise fàs a thoirt air Gàidhlig A-staigh is obair na buidhne a leudachadh.
Am measg eile tha iad a' coimhead ri neach-obrach bho bhuidhinn phàistean a thoirt a-steach aig amannan, agus sèiseanan sònraichte a chur air dòigh do phàrantan ùra.