Tuath-gaoithe Shrath Oiceill: dùbhlan laghail?

Shona Paterson
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Shona Paterson ag ràdh nach eilear ag èisteachd ri coimhearsnachdan dùthchail aig tuath

  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' beachdachadh air ath-sgrùdadh laghail iarraidh an dèidh do Riaghaltas na h-Alba cead a thoirt do thuath-ghaoithe sam bi 11 chrann ann an Srath Oiceill faisg air an Luirg ann an Cataibh.

Dhiùlt a' Chomhairle na planaichean sin an-uiridh an dèidh còrr air 200 gearan poblach an aghaidh na sgeama.

Bhiodh 200m de dh'àirde anns gach crann, le feum air solas a chur air am mullaichean airson rabhadh a thoirt do dh'itealain gu bheil iad ann.

Tha Raon Sònraichte Glèidhteachais anns an t-srath, agus tha Abhainn Oiceill na dachaigh do mhadaidhean-uisge (feusgain-neamhnaid) agus bradan.

Tha eagal air luchd-iomairt gu bheil seo a' ciallachadh gun tèid a h-uile tuath-gaoithe eile a tha air fàire airson na sgìre a chur troimhe ge b' i dè na beachdan is comhairle bho eòlaichean is daoine.

Tha iad ag ràdh gu bheil planaichean air pàipear airson 179 crann san sgìre agus dragh orra cuideachd gun dèan obair-togail sgrios air bith-iomadachd na sgìre, gu h-àraid an abhainn.

Tisi Dutton
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Tisi Dutton ag ràdh gum feum leasachaidhean a bhith san àite cheart

"An toiseach, feumaidh mi a ràdh gum feum sinn uile pàirt a chluich ann an cumhachd ath-nuadhachail," thuirt Tici Dutton, a tha a' fuireach ann an Achadh nan Lìon.

"Tha e air leth cudromach don RA san fharsainneachd, agus do dh'Alba gun dèan sinn sin.

"Ach feumaidh sinn na leasachaidhean ceart air na làraichean ceart.

"Tha mar-thà 38 crainn air an togail ann an tuathan-gaoithe Achadh nan Lìon agus Achadh a' Chanaich.

"Agus chaidh na h-uimhir de chrainn a bharrachd a chaidh a cheadachadh air sgeama Achadh a' Chanaich, agus air Meall Buidhe.

"Niste, tha molaidhean ann airson seachd leasachaidhean a bharrachd anns an t-srath seo.

"Fear aca sin a tha dìreach air cead fhaighinn bhon Riaghaltas, 's e Tuath-Gaoithe Shrath Oiceill - 11 chrann, 200m de dh'àirde.

"Ma chuireas tu sin ris na sgìrean eile a tha luchd-leasachaidh a' moladh mar àiteachan freagarrach airson tuathan-gaoithe, bhiodh 179 crainn againn an seo, 106 dhiubh 200m no nas àirde," thuirt i.

Baile
Fo-thiotal an deilbh,

Sgrìobh 201 duine a chur an aghaidh an leasachaidh

Chuir a' chompanaidh Energiekontor UK iarrtas a-steach airson 11 chrann a thogail ann an Srath Oiceill.

Sgrìobh 201 duine a chur an aghaidh an iarrtais, agus chaidh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath aig Comhairle na Gàidhealtachd na aghaidh dà thuras.

Chaidh an sgeama an uair sin gu rannsachadh poblach, agus mhol neach-aithris dealbhachaidh aig Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir an tuath-gaoithe a dhiùltadh.

Air a' mhìos seo, chaidh ministearan Riaghaltas na h-Alba an aghaidh a' mholaidh sin ge-tà, agus thug iad cead dhan sgeama, taobh a-muigh.

Tha dragh air muinntir na sgìre gum faigh a h-uile iarrtas airson tuath-gaoithe a thogail ann cead-dealbhachaidh a-niste.

Srath Oiceill
Fo-thiotal an deilbh,

Tha luchd-leasachaidh a' moladh seachd tuathan-gaoithe a bharrachd a chur ann an Srath Oiceill

"Tha iongnadh mòr oirnn gum faodadh co-dhùnadh a bhith air a dhèanamh le aon neach ann an Dùn Èideann nach fhaca cho bòidheach 's a tha an sgìre seo," thuirt Shona Paterson, a tha na ball de Chomhairle Choimhearsnachd Chraoich.

"Na tha de dh'fhiadh-bheatha againn an seo. Cho làidir 's a tha faireachdainn na coimhearsnachd.

"Gun do rinn e an co-dhùnadh an aghaidh a h-uile duine an seo, agus a h-uile duine a tha eòlach air an sgìre, tha e mì-chothromach.

"Tha e gu tur neo-dheamocratach. Chan eilear ag èisteachd ri coimhearsnachdan dùthchail na Gàidhealtachd 's nan Eilean."

A dh'aindeoin co-dhùnadh an Riaghaltais ge-tà, dh'fhaodadh nach eil a' chùis seachad fhathast.

"Tha mise den bheachd gu bheil e cudromach dha-rìribh gun cluinnear guthan choimhearsnachdan ionadail tro phròiseas an dealbhachaidh," thuirt BPA na sgìre, Maree Todd.

"Cuiridh mise taic ris an luchd-bhòtaidh agam a dhèanamh cinnteach gun cluinnear an guth.

"Tha mi gu mòr airson 's gum faigh na coimhearsnachdan a tha mise a' riochdachadh buannachd à leasachaidhean ma tha leasachaidhean gu bhith ann air an stairsich," thuirt i.

Dh'fhaodadh Comhairle na Gàidhealtachd ceist laghail a thogail mun cho-dhùnadh, agus thuirt iad gu bheil oifigearan an-dràsta a' beachdachadh air a' chùis, 's gu bheil ath-sgrùdadh breithneachaidh am measg nan roghainnean a dh'fhaodadh a bhith aca.

Èiginn na Gnàth-shìde

Ann an litir leis a' cho-dhùnadh gus cead a thoirt dhan sgeama, thuirt Riaghaltas na h-Alba gum biodh dha-rìribh buaidh aig an leasachadh air an sgìre ach gun rachadh ceumannan a ghabhail gus nach biodh seo ro mhòr.

"Tha Ministearan na h-Alba air co-dhùnadh gu bheil buaidh nach beag air coltas an àite, ach nach eil seo a' dol cho fada is gu bheil e a' toirt buaidh ro mhòr air muinntir an àite, is gu bheil smachd ga chumail air chun na h-ìre is gu bheil e air a chothromachadh leis na buannachdan a thig a thaobh thargaidean cumhachd an ath-nuadhachail is atharrachadh na gnàth-shìde", thuirt an litir.

A' freagairt nan draghan a chaidh a thogail mun cho-dhùnadh, thuirt Riaghaltas na h-Alba: "Feumaidh sinn gnìomh dàna mu choinneimh èiginn na gnàth-shìde, agus tha mòran chothroman aig Alba air cumhachd ath-nuadhachail a chruthachadh leis am faodar cabhag a chur ann an atharrachadh gu net zero ro 2045.

"Tha sinn soilleir gum feum buannachd do dhaoine air feadh Alba a bhith an cois leudachadh chumhachd ath-nuadhachail.

"Tha e cudromach a bhith a' cuimhneachadh air na dòighean anns am faodadh leasachaidhean buaidh a thoirt air coimhearsnachdan, nàdar, agus air dualchas cultarail, agus a' bhuaidh a bheir leasachaidhean eadar-dhealaichte còmhla orra sin, ann a bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean.

"Thug Ministearan na h-Alba adhbharan iomlan agus mionaideach seachad airson am measaidh air an tuath-ghaoithe seo, agus tha sin ri fhaicinn air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba."