Luaidh ga dhèanamh air Bren Gormley

Bren GormleyTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Tha luaidh ga dhèanamh air fear a bha grunn bhliadhnaichean na chomhairliche ann an Loch Abar.

Chaidh Bren Gormley a thaghadh mar chomhairliche SNP ann an sgìre a' Ghearasdain agus Àird nam Murchan an toiseach ann an 2007 agus a-rithist ann an 2012.

Bha Mgr Gormley na bhall air grunn chomataidhean aig Comhairle na Gàidhealtachd is e ùine na leas-chathraiche air Comataidh an Fhoghlaim.

Bha e cuideachd air Com-pàirteachas Sgìre Loch Abair is air Bòrd nam Poileas.

"Bha Bren gu mòr an sàs san obair 'son bun-sgoiltean ùra a thogail ann an Àth Tharracail is Loch Àlainn agus sa Ghearasdan", thuirt fear-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Lobban.

"Dh'obraich e gu cruaidh às leth mhuinntir Loch Abair agus muinntir na Gàidhealteachd san fharsaingeachd agus bidh an fheadhainn a dh'obraich còmhla ris ga ionndrainn", thuirt e.

Chaochail Mgr Gormley Diluain.