Fàilte air a' ghluasad ann am plana còmhdhail ùr don Ghearasdan

An GearasdanTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

'S e "cothrom nach tig nar rathad tuilleadh" a th' ann an obair a tha a' dol airson plana còmhdhail ùr a dhealbh dhan Ghearasdan, a rèir àrd-oifigeir Seòmraichcean Malairt Taobh Siar na Gàidhealtachd.

Bha Frazer Coupland a' bruidhinn agus Comhairle na Gàidhealtachd a' fastadh luchd-comhairle a dhealbhas siostam a tha ag amas air trafaig a lùghdachadh sa bhaile.

Tha dragh air a bhith ann mun chùis air an A82 agus an A830 o chionn fhada, le ambaileansan air an cumail air ais, agus gnothachasan ag ràdh gu bheil e a' cur bacadh orra bho bhith a' fàs.

Cuiridh na companaidhean bun-structair AECOM agus Stantec 18 mìosan seachad ag obair air molaidhean.

"Ged a dh'iarramaid uile slat draoidheach, ma tha sinn a' dol a dhèanamh co-chomhairle iomlain a bheir a-steach gnothachasan is coimhearsnachdan, 's e sin an ùine a tha e a' dol a thoirt," thuirt Mgr Coupland.

"Saoilidh mi gu bheil a' Chomhairle ceart a bhith a' toirt na tha sin de dh'ùine dhaibh seo a dhèanamh gu ceart, oir 's e cothrom a th' ann dhan Ghearasdan nach tig nar rathad tuilleadh."

Cuingealachadh

Coimheadaidh an sgrùdadh ris an sgìre mu Loch Iall, an Linne Dubh, an Gleann Mòr agus Gleann Nibheis.

Tha na h-aibhnichean Lòchaidh agus Nibheis, agus an Linne Dubh a' fàgail gu bheil cuid de sgìrean far a bheil cunnart ro mhòr ann bho thuiltean airson rathaidean is eile a thogail, agus tha cuingealachadh eile ann ri linn chliathaichean casa nam beann.

A thuilleadh air an A82 's an A830, tha loidhnichean rèile a Mhalaig agus a Ghlaschu a' dol tron sgìre.

Tha cuideachd port cudromach ann, agus bidh Slighe Rothaireachd Nàiseanta 78, agus slighean còmhdhail ghnìomhaich eile a' ruith tron sgìre, a thuilleadh air slighean bus a dh'Inbhir Nis, a Ghlaschu, dhan Òban, dhan Eilean Sgitheanach agus dh'Àird nam Murchan.

Tha dùil gu bheil cho faisg 's a tha cinn-rathaid san sgìre, agus a' mhaill a tha ga adhbharachadh nuair a dh'fheumas càraichean a dhol tarsainn air lèana 's iad a' tionndadh gu deas air an A82 air cùlaibh cuid de na trioblaidean a th' ann.

Tha an trioblaid ga dhèanamh nas miosa buileach nuair a tha tubaistean ann le cho fada 's a tha seach-shlighean.