Fear-coiseachd a dhìth anns na Garbh Chrìochan

Iain Currie Tùs an deilbh, Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Tha Poileas Alba ag iarraidh cuideachaidh agus iad a' feuchainn ri lorg fhaighinn air duine a chunnacas mu dheireadh Dimàirt.

Tha Iain Currie, 76, uabhasach eòlach air a bhith a' coiseachd agus dh' fhalbh e à Gleann Fhionnainn madainn Dimàirt airson Slighe a' Phairbh a choiseachd.

Bha dùil ris ann an Cnòideart oidhche Dhiardaoin ach cha do nochd e.

Tha Mgr Currie geal, mu shia troighean a dh' àirde, tha e air liathadh agus tha speuclairean uime.

Tha dùil gun robh seacaid dhìonach dhubh uime agus bha e a' giùlain poca agus teanta uaine.

Thathar ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh brath a chur gu na poilis.