Iarrtas airson Ministear na Gàidhealtachd

Port Chiseoirn bhon adhar Tùs an deilbh, PORT CHISEOIRN EARRANTA
  • Air fhoillseachadh

Tha Seòmar-Malairt Taobh Siar na Gàidhealtachd ag iarraidh gum bi ministear ann le uallach airson na Gàidhealtachd a bhios air fhastadh leis an dà chuid riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte.

'S e aon de na poileasaidhean sa mhanifesto ùr aca, taobh a-muigh a tha a' moladh mar as fhèarr a ghabhas dèiligeadh ri na dùbhlain ro ghnothachasan ann an Loch Abar, Earra-Ghàidheal a Tuath, an t-Eilean Sgitheanach, Ratharsair, Loch Aillse agus Taobh Siar Rois.

'S e bu mhiann leis an t-seòmar gun deadh co-dhùnaidhean comhairle agus bhuidhnean leasachaidh a dhèanamh taobh a-muigh Inbhir Nis.

"'S e cothrom fhaighinn ceart do Thaobh Siar na Gàidhealtachd - agus le bhith a' dèanamh sin, fhaighinn ceart do dh'Alba," tha Àrd-oifigear na buidhne, Frazer Coupland, ag ràdh.

Sgeama taigheadais a' Bhlàir Mhòir sa Ghearasdan 

Tùs an deilbh, TSL CONSTRUCTION
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cruaidh-fheum airson dachaighean aig prìs reusanta mar an fheadhainn seo aig a' Bhlàr Mhòr sa Ghearasdan, a rèir an t-seòmair-mhalairt

Tha leasachadh air còmhdhail, bun-structar agus seirbheisean poblach a dhìth airson fàs a thoirt air eaconomaidh na sgìre, tha iad ag ràdh.

Bu chòir ospadal ùr a bhith an àite a' Bhelford sa Ghearasdan, agus na prìomh rathaidean a leasachadh airson trioblaidean trafaig a lùghdachadh.

Tha iad cuideachd ag iarraidh gum bi ceanglaichean nas làidire ann eadar na sgoiltean, colaistean agus gnothachasan gus daoine òga ullachadh airson na roinn obrach.

Tha barrachd dhachaighean a dhìth, tha iad ag ràdh, airson dèiligeadh ri crìonadh sluaigh agus airson luchd-obrach a ghlèidheadh.

Tha iad a' moladh barrachd feum a dhèanamh "den Ghàidhlig mar bhuannachd chultarail agus eaconomach".

Carbadan ann an sreath nan stad air iomall a' GhearasdainTùs an deilbh, SARAH JOHNSON
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an luchd-gnothachais ag ràdh gu bheil leasachadh a dhìth air na rathaidean airson trioblaidean trafaig a lùghdachadh

Thuirt Frazer Coupland: "Tha Taobh Siar na Gàidhealtachd a' tabhainn mòran a bharrachd na bhios e a' faighinn air ais.

"Le in-ionmhas nas cothromaiche air rathaidean, taigheadas, sgilean agus seirbheisean, 's urrainn dhuinn fiù 's mòran a bharrachd a lìbhrigeadh do dh'Alba air fad.

"Tha na gnothachasan againn deiseil airson a bhith aig an stiùir, agus feumaidh an aon seòrsa lèirsinn a bhith aig na riaghaltasan," thuirt e.