Àrdachadh àrachais nàiseanta na uallach sna h-Eileanan Siar
- Air fhoillseachadh
Tha an t-àrdachadh 15% ann an àrachas nàiseanta do luchd-fastaidh a dh'ainmich an Seansalair sa bhuidseat aice Diciadain na uallach air gnothachasan anns na h-Eileanan an Iar.
Dh'fhoillsich Rachel Reeves cuideachd gun ìslichear an ìre thuarastail aig am pàigh companaidhean àrachas nàiseanta bho £9,000 gu £5,000 - rud a bhios a' ciallachadh gum bi aca ri àrachas nàiseanta a phàigheadh airson barrachd den luchd-obrach aca.
Tha companaidhean a' tomhais dè na cosgaisean a bharrachd a thig orra agus air buidhnean poblach.
Tha 13 duine ag obair dha Gòrdan MacIllinnein eadar a' bhùth aige air a' Bhac, agus gnothachas einnsinnìridh ann an Steòrnabhagh.
Ged nach eil an gnothachas ro mhòr, tha an t-àrdachadh anns an àrachas nàiseanta a' dol a thoirt droch bhuaidh orra.
"Bha tòrr anns a' bhuidseat, ach 's e rud a tha a' dol a dhèanamh chùisean gu math duilich dhuinne, 's e an rud a rinn iad leis an àrachas nàiseanta," thuirt Mgr MacIllInnein.
"Tha an cunntas againn a' dol suas £10,300 'son na bliadhna.
"'S e airgead uabhasach a tha sin dha companaidh bhig.
"Ciamar a tha leithid an NHS, 's Comhairle nan Eilean 's buidhnean mòra mar sin a' dol ga phàigheadh chan eil fhios agamsa," thuirt e.
Anns na h-Eileanan an Iar, 's iad Comhairle nan Eilean Siar agus am Bòrd Slàinte an luchd-fastaidh as motha, 's na mìltean ag obair eadar an dà bhuidhinn.
Chan eil e soilleir fhathast dè a' chosgais a bharrachd a tha a' tighinn, ach tha aig a' Chomhairle mar thà ri £4.5m de shàbhalaidhean a lorg.
"Aig deireadh an là tha sin a' dol a chosg tòrr a bharrachd airgid dhuinn," thuirt an Comh. Tormod Dòmhnallach, a tha na bhall de Bhòrd a' Bhuidseit.
"Bha sinn a' smaoineachdainn aig a' choinneimh a bh' againn an t-seachdain a chaidh gun robh e gu bhith eadar £500,000 agus £700,000.
"Chuir i an threshold tha mi a' smaoinntinn sìos bho £9,000 gu £5,000 agus tha sin a' dol a chur tòrr a bharrachd dhaoine a-steach.
"Ach aig deireadh an là sin tòrr a bharrachd cosgais dhuinne.
"Agus bha sinn mar thà aig a' choinneimh a bh' againn an t-seachdain a chaidh a' bruidhinn mu dheidhinn nan sàbhalaidhean a bh' againn ri dhèanamh.
"Tha seo air mullach nan sàbhalaidhean sin.
"Feumaidh sinn rudeigin fhaighinn à Dùn Èideann."
Fon bhuidseat cuideachd, tha £3.5bn a bharrachd ga chur ann an sporran na h-Alba fo Fhormula Bharnett, agus dh'fhaodadh sin na h-uimhir de dh'fhaochadh a dhèanamh.