Dàil eile air an MV Caledonian Isles
- Air fhoillseachadh
Dh'aidich CalMac gum bi an tuilleadh troimh-chèile ann le seirbheisean aiseig is iad air dearbhadh gur dòcha nach till an MV Caledonian Isles gu seirbheis a-nise gu deireadh a' Mhàirt.
Tha am bàt-aiseig, a bhios a' seòladh eadar Àird Rosain is Brodhaig, mar thà air a bhith a-mach à seirbheis bhon Ghearran.
Bha dùil an tòiseach gum biodh i air ais san t-Sultain, is an uairsin ann am meadhan na Samhna.
Tha CalMac a-nise air innse gun deach trioblaidean ùra a lorg nuair a bha i san doc agus gur dòcha nach bi i air ais gu deireadh a' Mhàirt.
Thuirt àrd-oifigear eadar-amail ChalMac, Donnchadh Mackison, gun tòisich iad co-chomhairle ùr le coimhearsnachdan eileanach an t-seachdain seo a thaobh phlanaichean ùra 'son clàr-ama a' Gheamhraidh.
"Bha dùil againn ri geamhradh dùbhlanach agus 's e sin a tha a' tachairt," thuirt Mgr Mackison.
"Bidh troimh-chèile ann an cuid de dh'àitichean ri linn cho-dhùnaidhean sam bith a nì sinn air sgàth na naidheachd seo, is gheibh sinn a-nise beachd choimhearsnachdan air an t-slighe air adhart."
Bha CalMac air coimhead ris an t-soitheach Mhanainneach, an MV Ben-My-Chree, a ghabhail air màil, ach sheall deuchainnean mara an t-seachdain seo chaidh nach robh i freagarrach.