Luaidh ga dhèanamh air Lachaidh MacLeòid

Lachaidh MacLeòid
  • Air fhoillseachadh

Tha luaidh ga dhèanamh air Lachaidh MacLeòid às an Eilean Sgitheanach a bha na oifigear poilis an Srath Chluaidh agus a stèidhich a' bhuidheann charthannais Something for Romania.

Chaochail Mgr MacLeòid aig aois 77.

Chaidh a thogail ann am Breacais agus an Eilean Sgalpaigh far chosta sear an Eilein Sgitheanaich.

Às a sin chaidh e an sàs ann an einnseanaireachd agus an uairsin na phoileas timcheall air sgìre Ghlaschu.

Chaidh urram MBE a bhuileachadh air Mgr MacLeòid ann an 1996 'son na h-obrach aige ann an Romàinia agus airson nam bliadhnaichean mòra a chuir e seachad anns na poilis.

Stèidhich Lachaidh Something for Romania ann an 1990, buidheann charthannais a bha ag amas air cungaidhean-leigheis agus uidheamachd àiteachais, am measg eile, a thoirt do mhuinntir Romàinia às dèidh dhan riaghaltas chomannach aig Nicolae Ceausescu tuiteam.

Bha Lachaidh ron a sin air a bhith ag obair còmhla ri Blythswood.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Lachaidh MacLeòid air a' phrògram Thuige Seo ag innse mar a thòisich gnothach nan tractairean is mar a fhuair e far-ainm às.

Anns na bliadhnichean mu dheireadh, bha Something for Romania a' togail airgid agus ag obair ann an co-bhonn ris a' charthanas Fundatia Crestina Diakonia ann an Romàinia gus cùram deireadh-bheatha a thoirt do dhaoine anns an dùthaich.

Chuir mòran eòlas air an obair charthannais aige nuair a bha e a' draibheadh tractair eadar Taigh Iain Ghròt agus Lands' End ann an Sasainn airson airgead a thogail.

Bha e cuideachd air tractairean a thoirt a-mach à Romàinia agus chaidh prògram a dhèanamh air an obair sin leis a' chraoladair Jimmie MacGriogair.

Fo-thiotal an deilbh,

Lachaidh MacLeòid agus an tractar air an d'rinn e turas eadar Taigh Iain Ghròt agus Lands' End.

Bha Lachaidh na bhall den Eaglais Shaoir, far an robh e na èildear ann an Dùn Breatainn agus mar phàirt den choithional ann am Partaig ann an Glaschu.

Dh'fhàs Mgr MacLeòid meadhanach aig deireadh na Dàmhair agus chaidh a thoirt dhan ospadal far an do bhàsaich e air an là mu dheireadh den mhìos.

Tha e a' fàgail a mhnà Iseabail agus nighean Lorna.

Às dèidh naidheachd bàis Lachaidh, chaidh moladh a dhèanamh air ann an Alba agus an Romania.

Thuirt Andrea Varga leis an do dh'obraich e gu dlùth air cùram deireadh beatha ann am baile Chluj gur e pioneer a bh' ann airson a leithid ann an Romàinia.