Liosta de stòrasan a' Ghearasdain 'son Maoin Math Coitcheann a' bhaile

An Gearasdan
Fo-thiotal an deilbh,

Chan eil Maoin Math Coitcheann aig a' Ghearasdan an-dràsta

  • Air fhoillseachadh

Chaidh iarraidh air comhairlichean an taic a chur ri liosta de na rudan luachmhor sa Ghearasdan airson Maoin Math Coitcheann a thathar a' moladh airson a' bhaile.

Chan eil an leithid aig Comhairle na Gàidhealtachd sa Ghearasdan an-dràsta.

Am measg na th' air a' chlàr ùr tha fearann a thug uachdarain don choimhearsnachd mar thiodhlac.

Tha The Parade am measg nan làraichean; tha raon putaidh agus cuimhneachan cogaidh ann, agus chaidh a thoirt do mhuinntir na sgìre ann an 1914.

Cuideachd air an liosta ùr tha sèine dhùbailte òir a' phròbhaist.

Tha aigeallan aige air a bheil sgrìobhte air a chùl - "Presented by Sir Henry and Lady Cameron-Ramsay-Fairfax-lucy 1930".

Bha conaltradh poblach fad 12 seachdain aig Comhairle na Gàidhealtachd air a' chlàr, agus thèid iarraidh air comhairlichean aontachadh leis aig coinneimh an ath-sheachdain.

"a chùm math na coimhearsnachd"

Ann an Alba, tha maoinean math coitcheann a' dol air ais dhan 15mh linn agus tha talamh, tasgadh agus goireasan annta a chùm math luchd-còmhnaidh seann bhailtean.

Tha seann bhorgh a' Ghearasdain a' dol air ais gu 1612.

Ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd bidhear a' togail nam milleanan notaichean bhon mhàl a bhios gnothachasan a' pàigheadh airson talamh a tha taobh a-staigh chrìochan maith choitchinn.

Tha an t-airgead ga chleachdadh airson phròiseactan às am faigh coimhearsnachdan buannachd.

Tha 10 maoinean math coitcheann mar-tha fo stiùir Comhairle na Gàidhealtachd. Nam measg tha stòrasan do dh'Inbhir Narann, Dòrnach agus Ceann a' Ghiùthsaich.

Dh'fhaodadh gun tèid cur gu mòr ri maoin Inbhir Ghòrdain nuair a thèid am pìos ealain air a bheil ìomhaigh-bràghad Sir John Gordon a reic.