CnES: feumar uallach a thoirt far nan ùghdarrasan ionadail

Àrachas Nàiseanta
  • Air fhoillseachadh

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar air Riaghaltasan Westminster is Holyrood roinn chothromach de mhaoineachadh a thoirt dhaibh.

'S iad Comhairle nan Eilean Siar an t-ùghdarras ionadail a dh'fhuiling an lùghdachadh às motha sa bhuidseat aca a-mach às a h-uile ùghdarras ionadail ann an Alba thar nan 10 bliadhna a dh'fhalbh.

Ron bhuidseat an t-seachdain a chaidh bha dùil gun robh aca ri £4.5m de shàbhailaidhean a lorg am-bliadhna.

Ach dh'fhaodadh e a bhith nas miosa le àrdachadh air an àrachas nàiseanta a dh'fheumas luchd-fastaidh a phàigheadh às leth an luchd-obrach.

'S iad a' Chomhairle - a thuilleadh air Bòrd na Slàinte - an luchd-fastaidh as motha sna h-Eileanan Siar.

Thathas a' tomhais aig an ìre seo gun cuir an t-àrdachadh mu £2m ris na dh'fheumas a' Chomhairle a lorg.

A' faicinn cothrom

"Mar a tha sinn a' faicinn, tha an t-àrdachadh a tha sin a' dèanamh dragh dhan Chomhairle, agus dhan a h-uile buidhinn eile aig a bheil daoine ag obair," thuirt Leas-Cheannard na Comhairle, Donnchadh MacAonghais.

"Ach feumaidh sinn coimhead anns a' chiad àite gu bheil £3.4bn a bharrachd a' dol a thighinn à Lunnainn chun an Riaghaltais ann an Alba agus tha sin barrachd air na thàinig ann bho chaidh a' Phàrlamaid a stèidheachadh.

"Bhiodh sinne mar chomhairle an lùib ChOSLA, den bheachd gum feum an Riaghaltas ann an Alba agus ann an Lunnainn a bhith cinnteach gun tig cnap math dhen sin chun nan comhairlean.

"Tarsainn air na deich bliadhna a dh'fhalbh, tha maoineachadh a th' air a bhith a' tighinn thugainn a' lùghdachadh 's tha e air a thighinn chun na h-ìre a-nis gum feum sinn barrachd fhaighinn, agus stad a chur air an t-suthadh airgid a th' air a bhith a' falbh bho na comhairlean.

"Tha sinn a' faicinn cothrom leis an airgead a bharrachd a tha a' tighinn," thuirt e.

Tha buidheann riochdachaidh nan ùghdarrasan ionadail an Alba, COSLA, ag aontachadh, 's iad ag iarraidh gun cleachdar an £3.4bn a bharrachd airson uallach a thoirt far nan ùghdarrasan ionadail.

Tha an t-àrdachadh anns an àrachas nàiseanta a' dol a chur £500m a bharrachd de chosgais air buidhnean poblach na h-Alba.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh soillearachaidh air an taic a bhios ann a thaobh a bhith a' pàigheadh na cosgais a bharrachd cho luath 's a ghabhas, agus feum aig an Riaghaltas am buidseat aca fhèin aontachadh ro dheireadh na Samhna.