Thugadh fear dhan ospadal an dèidh droch ionnsaigh an Inbhir Nis

Chaidh na poilis a ghairm gu Rathad Planefield madainn Disathairne
- Air fhoillseachadh
Tha fear a' faighinn cùraim san ospadal an dèidh droch ionnsaigh ann an Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Rathad Planefield faisg air meadhan a' bhaile mu 09:25m Disathairne.
Chaidh fireannach, 31 bliadhna de dh'aois, a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir far a bheilear ag ràdh gu bheil e ann an staid sheasmhach.
Tha rannsachadh nam poileas a' leantainn agus tha oifigearan ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu na thachair fios a chur orra.