"An aon chothrom aig a h-uile sgoilear ann an Alba air foghlam Gàidhlig"

Ceit Fhoirbeis
Fo-thiotal an deilbh,

Ceit Fhoirbeis aig Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn Dimàirt

  • Air fhoillseachadh

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear gu bheil i airson is gum bi an "aon chothrom aig a h-uile sgoilear ann an Alba airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig".

Bha Ceit Fhoirbeis a' bruidhinn ri BBC Naidheachdan is i a' tadhal air làrach Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn air taobh sear Ghlaschu Dimàirt.

'S e an leasachadh, a tha stèidhichte ann an togalach seann Bhun-sgoil an Naoimh Seumas, a' cheathramh sgoil Ghàidhlig a bhios ann an Glaschu.

Dhearbh Comhairle Ghlaschu bho thùs ann an 2021 gun rachadh am pròiseact air adhart is chaidh cùmhnant airson na h-obrach a thoirt seachad sa Mhàrt am-bliadhna.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail aig an àm sin gun cosgadh am pròiseact £23.8m le dùil gun gluais sgoilearan a-steach san Dàmhair 2026.

A' bruidhinn aig an làraich Dimàirt, dhearbh Ceit Fhoirbeis gun tig £2m den airgead a tha Riaghaltas na h-Alba a' cur ris an leasachadh à Maoin Calpa Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 'son 2024/25.

Bha ceannard Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn, Alison Richardson, am measg na rinn toileachas ris an naidheachd:

"Tha na sgoilearan agus pàrantan againn air bhioran agus moiteil gum bi Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn a' gluasad a-steach dhan sgoil ath-leasaichte aice fhèin, 's i suidhichte ann an Ceann an Ear a' bhaile," thuirt i.

"Tha sinn a' dèanamh fiughair ri taic a chumail ri fàs na Gàidhlig ann an sgìre a' Challtainn, far an robh mòran ga bruidhinn san àm a dh'fhalbh, agus ri an sgoil a bhith aig fìor theis-mheadhan na coimhearsnachd ionadail agus na buannachd dhi."

Rinn a' Bh-Ph. Fhoirbeis fhèin moladh air Comhairle Ghlaschu airson mar a tha fàs a' tighinn air foghlam Gàidhlig sa bhaile thairis air na bliadhnaichean.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Thuirt i gu bheil i 'son is gum bi fàs ann an sgìrean eile is i a' dearbhadh cuideachd gun tig £30,000 à Maoin Calpa Gàidhlig 2024/25 'son sgrùdadh comais air planaichean 'son àrd-sgoil Ghàidhlig ann an Steòrnabhagh.

Bha Riaghaltas na h-Alba air innse roimhe gum pàigheadh iad 'son an sgrùdaidh sin.

Ach chaidh an Leas-Phrìomh Mhinistear ceum nas fhaide is i a' bruidhinn air Bile nan Cànanan Albannach a tha an-dràsta a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba.

"Tha am bile a' neartachadh nan cothroman agus nan ceadan aig pàrantan airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt i.

"Tha tòrr obair a' tachairt air feadh na dùthcha agus tha mise airson is gum bi an aon chothrom aig a h-uile sgoilear ann an Alba airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig."

Tha Bile nan Cànanan Albannach an-dràsta aig ìre 3 aig Holyrood.