"Adhartas" a thaobh buannachd coimhearsnachd à leasachaidhean gaoithe

Crainn-ghaoitheTùs an deilbh, EPA
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar, Urras Steòrnabhaigh agus Urras Tuath-gaoithe Coimhearsnachd Mhuaitheabhail ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh adhartais a thaobh phlanaichean gus pàirt de leasachaidhean gaoithe a chur ann an làmhan na coimhearsnachd.

Thathas ag amas air 20% den leasachadh aig Lewis Wind Power aig Tuath-gaoithe Steòrnabhagh is 20% den phròiseact aig Eurowind aig Tuath-gaoithe Uisenis a chur fo smachd na coimhearsnachd is na companaidhean air leigeil fhaicinn roimhe gu bheil iad taiceil.

"Tha sinn an-dràsta a' faighinn comhairle ionmhasail is laghail gus companaidh a stèidheachadh airson gnothaichean a thoirt air adhart," thuirt Tormod MacÌomhair is e a' bruidhinn às leth Comhairle nan Eilean Siar, Urras Steòrnabhaigh agus Urras Tuath-gaoithe Coimhearsnachd Mhuaitheabhail.

"Ged a tha grunn sgeamaichean anns na h-eileanan mar-thà a thaobh buannachd coimhearsnachd, dh'fhaodadh airgead a bhith an cois an aonta againn a bheireadh cruth-atharrachadh air gnothaichean.

"Bidh sinn a' conaltradh leis a' choimhearsnachd mar a thèid sinn air adhart."

Tha na buidhnean ag ràdh gum biodh an t-aonta a' ciallachadh gum biodh smachd aig a' choimhearsnachd air 80MW de chumhachd a chruthachadh, nas motha na leasachadh coimhearsnachd sam bith eile san Rìoghachd Aonaichte.