Còrr is 100 sgoil sa cheann a tuath dùinte air sgàth an t-sneachda
- Air fhoillseachadh
Tha sneachd is reòthadh a' toirt buaidh mhòr air ceann a tuath na h-Alba le còrr air 100 sgoil dùinte air a' Ghàidhealtachd.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh còrr is 100 sgoil agus 80 sgoiltean-àraich air dùnadh, taobh a-muigh, agus tha còrr air 20 sgoil an Siorrachd Obair Dheathain dùinte.
Bha i cho fuar ri -12.4C ann an Drochaid an Tulaich air a' Ghàidhealtachd a-raoir agus -10.1C ann an Eskdalemuir ann an Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh.
Chaidh rabhadh buidhe, taobh a-muigh airson sneachda agus deighe aig tuath a leudachadh gu 10:00m Dihaoine.
Tha Oifis na Sìde a' tomhas gum faodadh gur e Diaordaoin an là as fhuaire a bhios ann airson còrr agus 10 bliadhna agus dùil gun ruig i cho ìosal ri 18 no 20 Celsiuis fo ìre reòthaidh tron oidhche ann an àiteachan aig tuath.
B' e -14C an teothachd a b' fhuaire a chaidh a chlàradh air a' gheamhradh an-uiridh ann an Dail Chuinnidh.
Ach 's ann sa Ghearran 2021 mu dheireadh a bha i na b' fhuaire na -20C agus -23C air a chlàradh ann am Bràigh Mhàrr.