Mòran sgoiltean dùinte a-rithist 's an t-sìde reòta a' leantainn
- Air fhoillseachadh
Fhuair mòran de chloinn-sgoile an ceann a tuath na h-Alba là dheth a-rithist Dihaoine agus an t-sìde gheamhradail fhathast a' toirt buaidh air an dùthaich.
B' e Diardaoin an oidhche a b' fhuaire an Alba air a' gheamhradh-sa thuige seo, agus i air -14.5 Celsius a ruighinn ann an Allt na h-Eirbhe.
Bha i cho fuar ri -10C ann an Ceann a' Bhràiste ann an Cataibh, agus -7C ann an Inbhir Nis.
Ged nach robh cùisean cho dona 's a bha iad Diardaoin, bha tòrr sgoiltean dùinte a-rithist, taobh a-muigh is moran eile nas anmoiche a' fosgladh.
B' e an oidhche a b' fhuaire san Fhaoilleach a bhiodh air a bhith ann on chaidh -22.3C a chlàradh ann an Allt na h-Eirbhe ann an 2010.
Bha còrr is 100 sgoil air a' Ghàidhealtachd dùinte Diardaoin.
Thuirt Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean nach biodh an campas aca ann an Inbhir Nis a' fosgladh Dihaoine.