"Dùbhlain ionmhais" mu choinneimh craoladh Gàidhlig

Taigh nan CumantanTùs an deilbh, Getty
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Ceannard Seirbheisean Gàidhlig a' BhBC gu bheil "dùbhlain ionmhais" mu choinneimh craoladh sa chànan, ach gu bheil cothrom ann coimhead ri dìon às ùr mar phàirt de dh'ath-sgrùdadh air Cairt a' BhBC.

Bha Mairead Màiri Mhoireach a' toirt seachad fianais do Chomataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster madainn Diciadain, taobh a-muigh.

Bha seisean sònraichte aig a' Chomataidh is iad a' coimhead ri obair BBC Scotland.

Chuala iad cuideachd bho Stiùiriche is Ceannard Coimiseanaidh BBC Scotland, Hayley Valentine is Louise Thornton.

Thog am BP Lib Deamach Gàidhealach, Aonghas Dòmhnallach, air maoineachadh 'son BBC ALBA is air an iomairt aig MG ALBA gum bu chòir inbhe is dìon fon lagh a bhith aig craoladh Gàidhlig mar a th' aig Cuimris.

Air a' cheann thall chaidh Bile nam Meadhanan tro Westminster an-uiridh às aonais an atharrachaidh a bha MG ALBA a' sireadh a bhiodh air inbhe chraolaidh na Gàidhlig a neartachadh.

Dh'fhaighnich Mgr Dòmhnallach de Mhairead Màiri Mhoireach an robh i "cofhurtail gu bheil sibh a' faighinn a' mhaoineachaidh is dìon a dh'fheumas sibh gus nach caill sinn na seirbheisean Gàidhlig againn".

"Tha am maoineachadh airson BBC ALBA air èirigh thairis air ùine bho chaidh a stèidheachadh," fhreagair a' Bh-Ph. Mhoireach.

"Tha dùbhlain ionmhais ann. 'S e com-pàirteachas a th' ann is tha maoineachadh ar com-pàirtichean air fuireach caran mun aon ìre san àm sin.

"Tha sinn ge-tà, a' coimhead ri diofar roghainnean gus am bi am maoineachadh agus dìon reachdail againn a dh'fheumas sinn, is tha sinn ag obair leis na com-pàirtichean againn air sin."

Chuir Mgr Dòmhnallach an uairsin ceist eile an robh feum air reachdas ùr gus dìon a chur air maoineachadh 'son craoladh na Gàidhlig.

"Tha aithne ann air àite na Gàidhlig ann an reachdas nam meadhanan is tha mi a' smaoineachadh gu bheil cothrom ann coimhead ri sin a-rithist anns an ath-sgrùdadh air Cairt a' BhBC" thuirt a' Bh-Ph. Mhoireach.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Mairead Màiri Mhoireach a' freagairt cheistean Aonghais Dhòmhnallaich

'S e seo a' chiad turas a bha stiùiriche ùr BBC Scotland, Hayley Valentine, air nochdadh air beulaibh comataidh pàrlamaid bho thòisich i san dreuchd san t-Samhain.

Thuirt ise cuideachd gu bheil dùbhlain ann is gu bheil "goireasan cho tana 's a bha iad a-riamh".

Thog i air an ath-sgrùdadh air Cairt ùr a' BhBC is i ag ràdh gur e "cothrom fìor mhòr" a th' ann is gum feum "modail ionmhais seasmhach" a bhith aig a' BhBC ann an Alba.

Chaidh faighneachd dha Ms Valentine mu bhall-coise is am biodh e comasach geamaichean sgioba eadar-nàiseanta nam fear aig Alba a chraoladh beò air a' BhBC.

Thuirt i gu bheil am BBC ann an Alba air cur ri fàs ann am ball-coise nam ban le geamaichean na sgioba eadar-nàiseanta a chraoladh.

Thuirt i gum biodh e fìor mhath geamaichean nam fear a chraoladh is gu bheil còmhraidhean a' dol, ged a thuirt i gu bheil cosgais an lùib seo.

Bha deasbad ann cuideachd air mar a tha an àireamh de dhaoine a tha a' coimhead air prògraman telebhisein fhad 's a tha iad a' dol a-mach air an Tbh fhèin air a bhith a' tuiteam.

Chaidh togail air seo a thaobh an dà chuid BBC Scotland is BBC ALBA.

Thuirt na riochdairean gu bheil iad mothachail air seo, ach cuideachd gu bheil e na phàirt de ghluasad nas fharsainge sa ghnìomhachas is gu bheil tòrr a bharrachd a' coimhead tro iPlayer a' BhBC.

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach gu bheil àrdachadh 37% anns na tha a' coimhead BBC ALBA air an iPlayer is gur e an Dùbhlachd 2024 a' mhìos a b' fheàrr a bh' aca riamh air iPlayer a' BhBC.

Sa bhliadhna mu dheireadh, thuirt i, chaidh coimhead air stuth Gàidhlig air an iPlayer còrr is 7,000,000 turas, is i ag ràdh gu bheil seo a' cur gu mòr ri faicsinngeachd a' chànain.

A thaobh BBC Scotland, thuirt Louise Thornton nach eil duine airson is gum bi figearan 'son seanailean a' tuiteam, ach gum feumar coimhead air fàs air an iPlayer aig an aon àm oir sin far a bheil tòrr den luchd-amhairc a-nise a' dol, is gum bi seo a' tighinn tarsainn anns na prògramnan a tha iad a' dèanamh.

Thog Mairead Màiri Mhoireach cuideachd air an dràma ùr aig BBC ALBA - An t-Eilean - a thòisicheas an ath-sheachdain.

Thuirt i gur e ceum mòr a tha seo dhaibh is e na shàr-eisimpleir cuideachd air co-obrachadh sa ghnìomhachas.