£165,000 gus seann sgoil Chàirinis a leasachadh mar ionad dualchais

Fo-thiotal a’ bhidio,

Ùisdean Robasdan is Julie Fowlis a' bruidhinn mun Eala Bhàn

  • Air fhoillseachadh

Bidh a' chiad dreach den òran ainmeil an Eala Bhàn am measg na thèid a thaisbeanadh an seann sgoil Chàirinis is Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath air airgead fhaighinn gus an togalach a leasachadh mar ionad dualchais.

Tha £165,000 a' tighinn bho Mhaoin Chalpa na Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba is £200,000 cuideachd a' dol gu Ceòlas airson an dàrna pàirt den leasachadh aig Cnoc Soilleir.

Dhùin Sgoil Chàirinis ann an 2016 is ghabh Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath sealbh air an togalach ann an 2019 le dùil ionad dualchais a stèidheachadh ann.

Tha stòras de ghnothaichean prìseil aig a' chomann eachdraidh a tha iad an-dràsta a' cumail faisg air làimh is a tha iad an dùil a thaisbeanadh ann an seann sgoil Chàirinis nuair a tha leasachadh air a dhèanamh.

"Rudan nach fhaic thu san là a th' ann: uidheamhachd a bhiodh againn 'son a bhith ag iasgach is a' treabhadh, obair air arbhar is a h-uile rud a th' ann," thuirt cathraiche Chomann Eachdraidh Uibhist a Tuath, Ùisdean Robasdan.

"Tha e math an cothrom a bhith againn an stuth sin a thoirt a-mach agus taisbeanadh a dhèanamh timcheall air oir tha ùidh mhòr aig tòrr den òigridh ann."

A thuilleadh air sin ge-tà, tha cuid den bhàrdachd aig Dòmhnall Ruadh Chorùna ann an stòras a' chomainn eachdraidh is am bàrd fhèin na sgoilear aig Sgoil Chàirinis na bhalach.

Am measg nam pàipearan, tha a' chiad dreach den òran ainnmeil aige, an Eala Bhàn, a chaidh a sgrìobhadh às dèidh dhan bhàrd a bhith air a leòn aig an t-Somme ann an 1916.

"'S e bàrdachd cho cumhachdach 's a chaidh a dhèanamh ann an cànan sam bith," tha Ùisdean ag ràdh.

"Tha mi a' smaoineachadh gun robh sinn gu math moiteil nuair a bha Julie Fowlis ga sheinn aig a' chuirm mhòir aig an t-Somme ann an 2016 nuair a bha àrd-dhaoine bho air feadh an t-saoghail an làthair."

Bha Julie fhèin cuideachd na sgoilear aig Sgoil Chàirinis.

Tha i a' cur fàilte mhòr air an airgead agus an leasachadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e an Eala Bhàn aon de na h-òrain as cudromaiche a th' againn sa Ghàidhlig agus tha e cho laghach gu bheil an làmh-sgrìobhainn aca aig a' chomann eachdraidh.

"Tha an làmh-sgrìobhainn aig Dòmhnall Ruadh againn - an t-òran air a sgrìobhadh air pàipear - 's e rud gu math prìseil a tha sin.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha Julie Fowlis ag ràdh gur e naidheachd fìor mhath a tha seo dhan choimhearsnachd

"Tha diofar ann dìreach a' dol a-staigh a dh'àite is a' faicinn rudan dha-rìribh, pàipearan is dealbhan is rudan mar sin", thuirt i.

Tha deagh naidheachd ann do Cheòlas cuideachd is iad a' faighinn £200,000 airson an leasachaidh ùir a tha iad a' dèanamh aig Cnoc Soilleir.

Dh'fhosgail an t-ionad cultarail ann an Dalabrog as t-samhradh 2022 ach cha robh an obair deiseil aige sin is Ceòlas a' leantainn le planaichean airson an dàrna ìre den phròiseact.

Thòisich obair san Dàmhair air talla mòr le àite 'son suas ri 200 neach.

Thèid an t-airgead ùr seo a dh'ionnsaigh an leasachaidh.

"Tha a bhith a' cur dìon air a' Ghàidhlig is ga brosnachadh a' tàladh luchd-turais, a' toirt fàs air an eaconamaidh, is a' cur ri coimhearsnachdan," thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba is Rùnaire na Gàidhlig Ceit Fhoirbeis.

"Leis an taic-airgid seo bidh cothrom aig daoine ionnsachadh mu dhualchas Gàidhlig Uibhist bho na Meadhan-Aoisean chun an là an-diugh."