Dragh ann mu phlana 'son campa do 350 luchd-obrach san Àth Leathann
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle Coimhearsnachd an Àth Leathainn 's an t-Sratha ag iarraidh barrachd tìde airson beachdan a' phobaill a shireadh mu mholadh campa mòr do suas ri 350 luchd-obrach a stèidheachadh san Àth Leathann.
Tha a' chompanaidh Sodexo a' sireadh cead airson a' champa do luchd-obrach SSEN a bhiodh ag obair air loidhne dealain ùr tron Eilean Sgitheanach agus a ceangal ris na h-Eileanan an Iar.
Chuala coinneamh phoblach a chuir a' Chomhairle Coimhearsnachd air dòigh oidhche Ardaoin gun cuireadh an leasachadh ri àireamh sluaigh an Àth Leathainn, baile sa bheil mu 1,000 duine a' gabhail còmhnaidh, fad còig bliadhna.
Nochd beachd gun cuireadh an campa cus uallaich air goireasan, siostaman òtrachais agus seirbheisean an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.
Bha dragh ann cuideachd mun chron a dh'fhaodadh a bhith na chois don àrainneachd agus fiadh-bheatha.
Tha Sodexo ag ràdh gu bheil campaichean den t-seòrsa seo a' ciallachadh nach eil cuideam ga chur air taigheadas san sgìre agus gun tèid cùram meadaigeach a thoirt seachad air a' champa fhèin seach a bhith a' cur uallaich air seirbheis na slàinte san sgìre.
Thuirt iad cuideachd gum biodh iad a' dealbhachadh siostaman uisge agus drèanaidh a rèir nan inbhean aig SEPA.
Tha Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd an Àth Leathainn agus an t-Sratha, Rhona Coogan, le dragh gu bheil cus leasachaidhean mòra san amharc an-dràsta.
"Tha an tagradh dealbhachaidh seo a' samhlachadh na tha romhainn mar bhaile beag agus mar eilean.
"Tha an t-uabhas de thagraidhean gu bhith ann agus tha e cudromach gum faigh a' choimhearsnachd èisteachd le na h-ùghdarrasan oifigeil," thuirt i.
Tha Sodexo ag ràdh gun do rinn iad conaltradh leis a' choimhearsnachd agus gun tug iad atharrachadh air na planaichean aca.
Thuirt iad gu bheil iad airson cumail a' dol a dh'obrachadh leis a' choimhearsnachd agus an ùghdarras ionadail a thaobh a' phròiseict.
Ach cha tèid seo air adhart mura faighear cead airson an loidhne dealain ùr a thogail.
'S ann an urra ri Riaghaltas na h-Alba a bhios an co-dhùnadh sin.
Tha dùil gun tèid cead a thoirt seachad agus SSEN ag ràdh gum feum an loidhne a bhith air a neartachadh airson dealan a chumail ris an Eilean Sgitheanach agus ris na h-Eileanan an Iar.
Tha leasachaidhean cumhachd ath-nuadhachail cuideachd gu bhith an urra ris an loidhne ùr gus dealan a ghiùlain a-steach dhan ghriod nàiseanta.
Tha na planaichean air làrach-lìn Comhairle na Gàidhealtachd, taobh a-muigh.