Taigh Iain Ghròt - bho 'ghrànnda' gu grinn
- Air fhoillseachadh
Tha Taigh Iain Ghròt aithnichte mar àite a bhios daoine a' tòiseachadh no a' crìochnachadh turas fad slighe na Rìoghachd Aonaichte air chois, air baidhseagal no ann an carbad.
Ach tha coltas an àite air aithne fhaighinn cuideachd - ach chan ann airson nan adhbharan a dh'iarradh muinntir an àite.
Chaidh "duais" a thoirt seachad bho chionn beagan bhliadhnaichean leis gur ann ann an sin a bha "an togalach a bu ghràinnde san dùthaich".
Ach thàinig piseach air an àite bhon uair sin agus mòran leasachaidhean air a bhith ann.
Bha e na chùis nàire dhan sgìre gun robh iad air 'Duais na Neasgaid' - no Carbuncle a bhuannachadh ann an 2010.
Sin an duais airson an togalach as ghràinnde air tìr-mòr na Rìoghachd Aonaichte.
Bha muinntir an àite a' faireachdain aig an àm nach robh seo cothromach.
Ach a' coimhead air ais dh'fhaodadh gur e seo a thug spionnadh do mhuinntir na sgìre an t-àite ath-nuadhachadh.
Thuirt Anndra Mowat bho Urras Leasachaidh Thaigh Iain Ghròt gun robh daoine caran troimh-chèile mu dheidhinn.
"Cha tàinig duine sam bith air adhart airson an duais a thogail.
"Ach tha mi a' smaointinn gun tug an duais spionnadh dhan obair leasachaidh ann an seo.
"Agus, a' coimhead air ais san ùine fhada, gur dòcha gur e rud math a bh' ann a chionn, seall cho fada 's a tha sinn air thighinn air adhart a-nis," thuirt Mgr Mowat.
Mar thoradh air sin, chaidh plana mòr leasachaidh a chruthachadh.
Chaidh togalach an taigh-òsta - a bhuannaich an duais - a sgeadachadh, agus tha gnìomhachasan ùra air fosgladh.
Nam measg tha taigh-staile a chaidh a thogail cha mhòr air fad le companaidhean ionadail.
'S i Kerry Chaimbeul a stèidhich an taigh-staile leis an duine aice Derek.
"Tha faireachdainn gu math deimhinneach timcheall air Taigh Iain Ghròt an-dràsta agus tha sinn air an dòigh a bhith mar phàirt den sin,
"Tha sinne, còmhla ri tòrr ghnothachasan ionadail eile, air a bhith a' coimhead air ciamar as urrainn dhuinn ceann-ùidhe a dhèanamh den àite agus adhbhar a thoirt do dhaoine fuireach anns an aite 'son ùine nas fhaide.
"Agus tha mi a' smaointinn gum faic thu gu bheil an t-uabhas a' tachairt agus tha e sgoinneil a bhith mar phàirt dheth," thuirt i.
Tha an taigh-staile air naoi obraichean a chruthachadh agus tha sin air cothrom a thoirt do dhaoine leithid Ryan Mac an t-Sutharlanaich tilleadh dhachaigh.
"Gallaibh agus Cataibh, dhomh fhèin agus do dh'Ellie, sin an dachaigh againn, tha e snog a bhith a' tilleadh dhachaigh.
"Agus tha e math a bhith a' gluasad agus obraichean fhaighinn.
"Rinn Ellie an gnothach air obair tidseir fhaighinn ann an Inbhir Theòrsa agus shoirbhich dhomh gus obair mhanaidsear an taigh-staile fhaighinn, mar sin 's e buannachd a th' ann dhan dithis againn," thuirt e.
'S e an t-ionad niùclasach ann an Dùnrath a bha a' cumail mòran obraichean ri muinntir na sgìre fad iomadh bliadhna.
Ach le cothroman ùra a' tighinn bhon ath-nuadhachadh, tha sin ag atharrachadh beag air bheag.
Faisg air làimh tha seann mhuileann eachdraidheil ga càradh agus tha seo gu bhith na àite do luchd-tadhail, a bharrachd air a bhith a' cruthachadh goireis dhan choimhearsnachd.
A rèir Bryony Robinson, manaidsear leasachaidh Urras Mhuileann Thaigh Iain Ghròt, tha an togalach seo mar phàirt riatanach dhen sgeulachd aig Taigh Iain Ghròt.
"Tha seo mar phàirt de dh'eachdraidh an àite, agus le a bhith ga fhosgladh a-mach, bidh i a' tàladh dhaoine ann an droch shìde.
"Bidh seo a' leudachadh air na 's urrainn dhuinn a thabhann do dhaoine ann an Taigh Iain Ghròt, a bharrachd air a bhith a' glèidheidh pàirt den eachdraidh againn do mhuinntir an àite," thuirt i.
Tha dùil gum fosgail an goireas seo as t-samhradh 2025 agus chan eil sìon a dh'fhios dè na planaichean eile a dh'fhaodadh a bhith san amharc anns na bliadhnaichean a tha romhainn.