Urraman a' dol dhan Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan
- Air fhoillseachadh
Tha Betty Nic an t-Saoir à Barraigh is Bill Lawson às na Hearadh am measg dhaoine às a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan a tha air aithne fhaighinn ann an Liosta Urraman na Bliadhna Ùire.
Tha Teàrlach MacNeacail à Leòdhas is an lùth-chleasaiche Fin Greumach à Srath Pheofhair am measg feadhainn eile aig tuath a tha air urraman fhaighinn.
Fhuair Betty Nic an t-Saoir OBE airson seirbheisean dha na h-Eileanan an Iar.
Bha a' Bh-Ph. Nic an t-Saoir 26 bliadhna na Riochdaire a' Chrùin sna h-Eileanan an Iar mus do leig i dhith a dreuchd am-bliadhna, an toiseach na Leas-Mhorair-Ionaid a' Chrùin is an uairsin na h-Iar-Mhorair-Ionaid a' Chrùin.
Tha i cuideachd air a bhith an sàs ann an grunn dreuchdan eile thar nam bliadhnaichean, nam measg a bhith na manaidsear air Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill ann am Barraigh, na comhairliche, na cathraiche air bòrd Colaiste a' Chaisteil, agus ùine air Bòrd na Gàidhlig (far an robh i cuideachd na cathraiche eadar-amail) is Bòrd Slàinte nan Eilean Siar.
Thuirt i gu bheil e doirbh dhi creidsinn gun d'fhuair i OBE is gur e urram fìor mhòr a th' ann.
Fhuair an lùth-chleasaiche Fin Greumach MBE 'son seirbheisean do rothaireachd.
Shoirbhich le Fin aig na Geamaichean Paralimpigeach ann am Paris as t-Samhradh is e a' cosnadh dà bhonn.
Bhuannaich e bonn òir ann an Rèis Rathaid C1 - 3 is bonn airgid ann am farpais C3 3000m Individual Pursuit nam fear.
Bha an Greumach cuideachd air clàr na cruinne a bhristeadh san fharpais sin - ged a chaidh a bhristeadh a-rithist cha mhòr sa bhad le Jaco van Gass.
Tha Bill Lawson air BEM fhaighinn airson seirbheisean dhan choimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar.
Rugadh Mgr Lawson ann an Sruighlea is thogadh e ann an Siorrachd Àir.
Às dèidh mòran bhliadhnaichean a' teagaisg lagh ann am Pàislig ghluais e dha na h-Eileanan an Iar agus rinn e a dhachaigh anns na Hearadh.
Às an rannsachadh aige air eachdraidh nan daoine, stèidhich e Cò Leis Thu? is e fhèin 's a bhean Chrissie nach maireann iomadh bliadhna a' cuideachadh dhaoine le fiosrachadh mun sinnsireachd.
Tha Cò Leis Thu? a-nise fo sgèith Urras Dualchais an Taobh Tuath aig Ionad Hebrides People.
Tha Mgr Lawson na chomhairliche dhan urras is e cuideachd a' leantainn leis an rannsachadh aige fhèin.
Tha BEM cuideachd a' dol gu Teàrlach MacNeacail à Steòrnabhagh airson Seirbheis Shaor-Thoileach is Charthannach anns na h-Eileanan an Iar.
Bha Mgr MacNeacail na chomhairliche fad 14 bliadhna is e cuideachd an sàs ann an grunn bhuidhnean coimhearsnachd is òigridh.
Tha e cuideachd air obair mhòr a dhèanamh gus taic a chumail ri muinntir Mholdòbha le aodach is stuthan eile a chur ann.
A thuilleadh air seo, chaidh Bonn an Rìgh airson na Seirbheis Smàlaidh gu Karla Stevenson, a bha roimhe os cionn na seirbheis san Eilean Sgitheanach is Ratharsair.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An t-Samhain 2024
- Air fhoillseachadh15 Am Màrt 2024
- Air fhoillseachadh19 An t-Sultain 2024
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt 2013