Boireannach a dhìth anns an Ros Mhuileach

Claire HallidayTùs an deilbh, Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis ag iarraidh cuideachaidh ann a bhith a' lorg boireannaich a tha a dhìth ann am Muile.

Chunnacas Claire Halliday, 35, mu dheireadh mu 4:00f Dimàirt an 7mh là den Fhaoilleach faisg air Fionnphort anns an Ros Mhuileach, agus cha robh i ann an conaltradh le a teaghlach bhon uair sin.

Tha i 5'4" de dh'àirde, 's i caol le falt donn gu a guailnean.

Tha tatù pinc agus turquoise ann an cumadh sùla air cùl a h-amhaich, agus tatù ann an riochd dealain-Dè aig bun a cnàimh-droma.

Nuair a chunnacas mu dheireadh i bha seacaid gheal uimpe, le curac no ad air dath bàn-bhuidhe, agus briogais gheal.

Tha dùil gu bheil i a' fuireach ann am bhana-campachaidh Ford Transit, leis an àireimh-chlàraidh WN52 AZP. Tha blas-cainnt Sasannach aice.

"Tha sinn a' sìor fhàs draghail mu Chlaire, agus tha sinn ag iarraidh lorg fhaighinn oirre cho luath 's a ghabhas," thuirt an t-Insp Karen NicIllinnein.

"Tha sinn air a bhith a' sgrùdadh faisg air Fionnphort.

"Dh'iarrainn air duine sam bith a dh'fhaodadh a bhith air Claire fhaicinn, no aig a bheil fiosrachadh sam bith a thaobh càite a bheil i, fios a chur oirnn.

"Dh'iarrainn cuideachd gu dìreach air Claire fhèin, ma chì thu an t-iarrtas seo, leig fios dhuinn gu bheil thu sàbhailte.

"Thathas ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh fòn a chur air Poileas Alba air 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 1999 den 9mh là den Fhaoilleach 2025."