Fear fo chasaid às dèidh tubaist air an A96
- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach a chur an greim le na poilis às dèidh tubaist rathaid air an A96 ann an uairean beaga na maidne Dihaoine.
Thuirt na poilis nach do stad an draibhear nuair a dh'iarr oifigearan air sin a dhèanamh aig 2.20m.
Chaidh an càr a lorg goirid às dèidh sin às dèidh tubaist aig ceann-rathaid am B9092 faisg air Inbhir Narann.
Thugadh an draibhear agus boireannach a bha a' siubhal còmhla ris dhan ospadal.
Chaidh am fireannach, 32, a chur an greim is a chur fo chasaid agus nochdaidh e a-rithist aig Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis.