Naidheachdan 11.00m

Fo-thiotal a’ bhidio,

Naidheachdan 11:00

  • Air fhoillseachadh

An làmh dheas

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba air iarraidh air luchd-poileataigs na dùthcha a thighinn còmhla gus seasamh an aghaidh bhuidhnean bhon fhìor làimh dheis. A' bruidhinn ris na meadhanan aig Taigh Bhòid, dachaigh oifieil a' Phrìomh Mhinisteir, thuirt John Swinney an-diugh gun robh bliadhnaichean doirbh air cuid de dhaoine fhàgail feargach agus searbh - ach gun robh an leithid Nigel Farage agus am pàrtaidh aige, Reform, gun sgur a' dèanamh leisgeul às leth na Ruis. Mhol e àrd-choinneamh eadar luchd-poileataigs agus buidhnean an leithid aonaidhean-ciùird agus eaglaise airson bruidhinn air modh, deamocrasaidh agus urram dha chèile a bhrosnachadh.

Casg siubhail

Chaidh fear a bhiodh ri ionnsaighean feiseil agus ionnsaighean eile air boireannaich aig an dachaigh aige ann an Gallaibh a chur fo chasg a bhith a' siubhal a-mach às an Rìoghachd Aonaichte airson còig bliadhna. Seo a' chiad chùis dhen leithid a-riamh ann an eachdraidh siostam lagha na h-Alba. Chuir cùirt òrdugh an sàs air Kevin Booth gum feum e ceadan-siubhail sam bith a tha aige a thoirt seachad, agus gum feum e innse dha na poilis mus biodh e ri fastadh air boireannaich sam bith airson a bhith ag obair dha.

Turas a' phrìomhaire

Tha am prìomhaire gu bhith a' siubhal dha na Stàitean Aonaichte an-diugh air thoiseach air coinneamhan leis a' Cheann-suidhe Trump a-màireach. Tha an Taigh Geal air fàilte a chur air planaichean a nochd bho Sir Keir Starmer an-dè gus fada a bharrachd a chosg air dìon na Rìoghachd Aonaichte ged a tha e a' faighinn càinidh bho fheadhainn eile airson airgead cobhair a ghearradh cuideachd.

Ucràin

Bidh na còmhraidhean aca stèidhichte gu ìre mhòir air na tha a' tachairt anns an Ucràin is iadsan ag ràdh gu bheil aonta ann a-nis eadar iad fhèin agus na Stàitean Aonaichte airson cothrom a thoirt dha na h-Aimeireaganaich air cuibhreann de mhionaralan na dùthcha. Tha an Ceann-suidhe Trump air a bhith ag iarraidh a leithid a dh'aonta mar an dòigh airgead fhaighinn air ais bhon Ucràin airson na taice a thug iad dhaibh fad bhliadhnaichean a' chogaidh.

BP

Dhearbh a' chompanaidh ola BP gu bheil iad a' cur an cùl ri planaichean a bha aca airson airgead a chosg air leasachadh cumhachd ath-nuadhachail, airson a bhith ag amas a-rithist air ola agus gas. Bha a' chompanaidh air thighinn fo ìmpidh bho fheadhainn le earrannan sa chompanaidh - ged tha dùil gum bi iad a' cur fearg air luchd-dìon na h-àrainneachd. Tha grunn chompanaidhean cumhachd eile air ceumannan coltach fhoillseachadh bho chionn ghoirid.

Bàs

Chaidh boireannach a mharbhadh ann an tubaist rathaid ann an sgìre Loch Aillse an-dè. Bha am boireannach, aois leth-cheud sa seachd, a' siubhal ann an Vauxhall Astra geal faisg air Inbhir Ìonaid, taobh Loch Dubhthaich, nuair a thachair an tubaist timcheall air aon uair deug madainn an-dè. Thugadh draibhear a' chàir, fear aois leth-cheud sa seachd dhan ospadal ann an Glaschu agus e air a ghoirteachadh. Tha na poilis a' sireadh taic an t-sluaigh agus iad a' rannsachadh na cùise.