Gàidheil Òga Ghlaschu: "An àite a bhith a' gearan, tha iad a' dèanamh rudeigin mu dheidhinn"

Eilidh Chandler agus Sadie Drye
- Air fhoillseachadh
Le co-labhairt Chomunn na Gàidhlig Diardaoin a' coimhead air suidheachadh na Gàidhlig am measg òigridh, tha Annabel NicIllinnein air a bhith a' bruidhinn ri Gàidheil òga ann an Glaschu.
"Tha daoine daonnan a' bruidhinn ri daoine anns a' chiad chànan a bhruidhinn iad riutha. Ma tha thu air Beurla a bhruidhinn ri cuideigin, sin a tha thu a' dol a bhruidhinn riutha."
Nach e sin cnag na cùise nuair a thig e gu leasachadh cànain agus na dùbhlain a tha na lùib? Chuala mi seo aig nighean òg à Glaschu, Rae Nicìomhair. Tillidh sinn thuice.
'S ann an Glaschu a thàinig an t-àrdachadh a bu mhotha air luchd-labhairt na Gàidhlig a rèir a' Chunntais-shluaigh mu dheireadh.
Ann an 2022, thuirt faisg air 9000 sa bhaile gum bruidhinneadh iad i - sin fàs de bheagan is 3000 neach an coimeas ri figearan 2011.
Mar sin, tha coltas dòchasach air cùisean ann am Baile Mòr nan Gàidheal. A' bruidhinn ri òigridh a' bhaile, tha e follaiseach gu bheil oidhirp ann cùisean a leasachadh. Aig a' cheart àm ge-tà, tha obair mhòr fhathast ri dhèanamh.
Ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, tha Fèis nan Deugairean a' coinneachadh uair san t-seachdain. 'S e buidheann mhòr a bh' ann an là a chaidh sinne a-steach agus iad a' gabhail 'Òran Ùr' le Runrig – còmhlan a thug a' Ghàidhlig gu aire dhaoine air feadh an t-saoghail is a tha an-diugh mar phàirt de leasachadh ghinealaich ùir.
"Nuair a bha mise na b' òige, chanainn nach robh mi a' cleachdadh a' Ghàidhlig taobh a-muigh na sgoile cho tric 's a bha còir agam," thuirt Fionnlagh, a tha mar phàirt den bhuidhinn. "Ach a-nis gu bheil rudan mar seo ann, far a bheil sinn a' cluich ceòl Gàidhlig agus a' bruidhinn sa Ghàidhlig, tha e air a bhith glè, glè mhath."
Bha cuid eile den aon bheachd ach tha iad mothachail gu bheil barrachd chothroman leasachaidh cànain ann do dhaoine aig a bheil ùidh ann an ceòl.

Fionnlagh aig Fèis nan Deugairean
Chuireadh iad fàilte air cothroman co-cheangailte ri cur-seachadan eile agus bha co-òrdanaiche na Fèis, Rae NicÌomhair, ag aontachadh gu tur.
Chaidh ise i fhèin tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu.
An-diugh, bidh i a' bruidhinn Gàidhlig ri cuid de a caraidean agus tha làn fhios aice cho riatanach 's a tha e òigridh a bhrosnachadh aig an aois seo gus a leithid a dhèanamh, 's mòran cleachdte ri bhith a' cleachdadh Beurla am measg a chèile.
"Tha e doirbh an atharrachadh sin a dhèanamh," dh' innis i dhomh. "Tha e mì-nàdarra airson greis agus mì-chomhfhurtail a bhith a' bruidhinn ri cuideigin ann an cànan nach eil thu cleachdte ri. Ach tha e comasach dhan a h-uile duine a dhèanamh agus feumaidh sinn am miseachd sin a thoirt dhaibh gus an dèan iad sin."
Sin an t-seòrsa àrainneachd a tha Eilidh Chandler agus Sadie Drye a' feuchainn ri chruthachadh. Bho chionn bliadhna, stèidhich an dithis oileanach 'Cabag' – buidheann sòisealta do bhoireannaich agus daoine òga.
Bidh iad a' cumail thachartasan far an urrainn do Ghàidheil òga coinneachadh ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil airson beagan cabadaich a dhèanamh. 'S ann air tachartasan cruthachail a tha iad ag amas, far nach eil deoch an lùib a' ghnothaich.

Rae NicÌomhair
"Tha an dithis againn anns a' Chomunn Oiseanach," dh' innis Eilidh dhomh. "Tha sin a' còrdadh rinn, tha e cho math. Ach 's e gu bheil sinn aig an taigh-sheinnse a h-uile oidhche agus chan eil mi ag iarraidh sin a dhèanamh an-còmhnaidh."
Tha iad air buannachd fhaicinn às na tachartasan, far a bheil Gàidhlig a-mhàin ga cleachdadh. Ri linn na h-àrainneachd a thathas a' cruthachadh, tha iad ag ràdh gu bheil e an uair sin nas fhasa do dhaoine Gàidhlig a bhruidhinn ri chèile nuair a choinnicheas iad a-rithist ann an suidheachaidhean eile.
Tha Eilidh agus Sadie le chèile den bheachd gu bheil coimhearsnachd Gàidhlig làidir ann an Glaschu.
'S e beagan de thrioblaid a th' ann uaireanan a rèir Sadie nuair a tha thu a' coiseachd sìos an t-sràid agus tu eòlach air a h-uile mac màthar, no nuair a tha thu airson rudeigin a ràdh mu chuideigin, ach tha Gàidhlig aig a' mhòr-chuid a tha timcheall ort. Ach chan eil an seo ach beagan spòrs. Tha an dithis aca den bheachd gur e fìor dheagh rud a th' ann.
Hub
"Tha caraidean agad anns a h-uile h-àite," thuirt Eilidh. "Tha thu eòlach air an t-uabhas dhaoine agus tha thu a' faireachdainn comhfhurtail cuideachd."
Tha an dithis seo a' dèanamh oidhirp suidheachadh na Gàidhlig a leasachadh ann an Glaschu. Ach tha rudan eile ann a bu mhath leotha fhaicinn, gu h-àraid tachartasan do dh' fhileantaich – ged a tha iad airson a bhith soilleir gu bheil iad a' cur an làn thaic ri tachartasan do luchd-ionnsachaidh cuideachd.
"Uaireannan tha mise ga lorg doirbh obrachadh a-mach dè an ìre de Ghàidhlig a bu chòir dhomh a chleachdadh," thuirt Sadie. "Dè cho luath 's as urrainn dhomh bruidhinn, dè am briathrachas as urrainn dhomh a chleachdadh."
Tha i ag iarraidh gum bi luchd-ionnsachaidh ga tuigsinn ach bhiodh e math cuideachd, tha i ag ràdh, mura biodh aice ri smaoineachadh mun sin uaireannan.
"Ma bha hub againn, b' urrainn dhut dìreach a' Ghàidhlig a chleachdadh agus cha robh e ann airson a' Ghàidhlig a theagasg. Bha e dìreach ann airson daoine a thighinn còmhla."

Tanith Rothach
Ged a sheall cunntas-sluaigh 2022 gu bheil an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig air fàs ann an Glaschu, tha ceistean air a bhith gan togail mu sgilean cànain agus an ìre de Ghàidhlig a tha ri chluinntinn anns a' bhaile. Ach 's ann a tha cuid a' gabhail cothrom an cuid Ghàidhlig a thoirt air adhart anns a' bhaile mhòr, tro chùrsa Bliadhna Bhogaidh Oilthigh Ghlaschu.
Tha Tanith Rothach nam measg. Ged a fhuair ise foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann am Port Rìgh, 's ann bho chionn ghoirid a thuig i cho cudromach 's a tha an cànan dhi.
"Bha e mar epiphany agam, gun robh e cho sònraichte 's cho cudromach gun robh Gàidhlig agam," thuirt i agus sinn a' bruidhinn taobh a-muigh Oilthigh Ghlaschu.
"A-nis, tha mi fhèin 's m' athair an-còmhnaidh a' bruidhinn anns a' Ghàidhlig agus an aon rud leis na caraidean."
'S e an cùrsa a thug misneachd do Tanith gus seo a dhèanamh. Ged a bhios i a' dèanamh feum do chothroman còmhraidh anns a' bhaile, tha i den bheachd gu bheil dleastanas oirre fhèin cuideachd.
"Feumaidh tu an obair chruaidh a dhèanamh. Tha cothroman ann a bhith còmhla ri daoine agus ann am buidhnean agus tha sin cho math. Ach nuair a thilleas tu dhachaigh, feumaidh tu cuideachd a bhith ag obair air na sgilean agad."
A' Ghàidhlig ann am Baile Mòr nan Gàidheal?
Nuair a tha thu an lùib saoghal na Gàidhlig ann an Glaschu, tha e doirbh ann an dòigh fhios a bhith agad cò ris a tha suidheachadh a' chànain dha-rìribh coltach.
Bha là ann aig toiseach na mìos, mar eiseimpleir, nuair a bhruidhinn mise ri 20 neach. Chan fheumainn Beurla a chleachdadh ach còmhla ri aon duine dhuibh. Ach tha mise ag obair airson BBC Naidheachdan, tha togalach a' BhBC làn dhaoine aig a bheil Gàidhlig, tha Gàidhlig aig feadhainn dha na nàbaidhean agam agus chaidh mi gu còisir na GGs an oidhche sin. Chan e dealbh fìrinneach a tha sin.
Ach, le bhith ag ràdh sin, bha mi air mo mhisneachadh a' bruidhinn ris na daoine òga a choinnich mi mar phàirt den sgeulachd seo.
Tha iadsan iad fhèin dòchasach ach chan e sin a-mhàin a bhuail orm. Tha obair mhòr ri dhèanamh, cha dèidheadh duine às àicheadh sin. Ach tha iad a' dèanamh oidhirp an cànan a leasachadh agus an rud as cudromaiche a th' ann, a cleachdadh, ann am Baile Mòr nan Gàidheal.
"Tha mise an-dràsta gu math dòchasach mu dheidhinn a' Ghàidhlig," thuirt Sadie. "Tha tòrr charaidean againn a tha òg agus a tha sgìth de na trioblaidean a th' againn ann an saoghal na Gàidhlig.
"Tha iad a' feuchainn ri rudan atharrachadh, mar a tha sinne a' dèanamh le Cabag. "Tha an t-uabhas dhaoine, an àite dìreach a bhith a' gearan, tha iad a' dèanamh rudeigin mu dheidhinn.
"Agus ma tha sinne a' dèanamh sin an-dràsta, bidh sin aig na linntean ri thighinn, bidh na cothroman sin aca agus misneachd aca an aon rud a dhèanamh cuideachd."
Bidh Aithris na Maidne air BBC Radio nan Gàidheal a' tighinn beò à Steòrnabhagh madainn Diardaoin bho 07:30m air thoiseach air a' cho-labhairt. Gheibh sibh am fiosrachadh air fad cuideachd an seo fhèin air BBC Naidheachdan tron là, is air Aithris an Fheasgair aig 5f is air An Là air BBC ALBA aig 8f.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 10 uairean