Co-labhairt. Cò tha a' labhairt? Cò a labhras?

- Air fhoillseachadh
"'S e am beul a labhras ach 's e an gnìomh a dhearbhas" tha an seann-fhacal ag ràdh.
Bidh a' chiad cho-labhairt mhòr air leasachadh na Gàidhlig ann an iomadh bliadhna ann an Steòrnabhagh Diardaoin, agus 's e gun labhradh barrachd bheòil an cànan a tha dhìth orra.
Tha e math an gnìomh fhaicinn – a' sgrìobhadh air duilleig a' Chunntais-Sluaigh gu bheil comas-labhairt agad sa chànan – ach, a dh'aindeoin an t-seann-fhacail, 's e am beul a dhearbhas anns an t-suidheachadh-sa.
Oir tha ceistean mòra a-nise cò mheud beul dhen 69,701 a thuirt sa Chunntas gum bruidhinn iad Gàidhlig a tha dha-rìribh ga bruidhinn anns a' choimhearsnachd.
Bidh Co-labhairt Chomunn na Gàidhlig ann an Steòrnabhagh Diardaoin a' comharrachadh gu bheil 40 bliadhna bho stèidhicheadh a' bhuidheann. B' e an uair sin prìomh ionnstramaid leasachaidh na Gàidhlig, gus an tàining Bòrd na Gàidhlig ann an 2006. Ach lean CnaG, le dleasdanas sònraichte airson an cànan a thoirt air adhart am measg òigiridh sa choimhearsnachd.
Chan eil teagamh nach do rinn CnaG agus Bòrd na Gàidhlig a thàinig as a dhèidh an t-uabhas airson taic is inbhe a' chànain ann an Alba a thogail.
Sheall Cunntas-Sluaigh 2022 gun tuirt 130,161 duine feadh na dùthcha gun robh comas air choirèigin aca sa Ghàidhlig eadar bruidhinn, tuigsinn, leughadh no sgrìòbhadh.
Bhiodh e doirbh a ràdh le cinnt dè bhrosnaich an ùidh sin, ach tha fhios gun robh am pàirt fhèin aig fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig, stèidheachadh BBC ALBA, an cànan a bhith nas nochdte gu poblach air soidhnichean is eile, goireasan ùra do luchd-ionnsachaidh, agus taic dhan chànan fàs fasanta ann am beatha phoileataigeach na dùthcha.

Tha a' cho-labhairt mar phàirt de na tha CnaG a' dèanamh gus comharrachadh 40 bliadhna den bhuidhinn
Tha fhios cuideachd gun do chuidich iomairtean ChnaG airson Inbhe Thèarainte agus aithne laghail, agus an reachdas a chuir dìon air cuid de leasachadh.
Dhen 130,161 sin, b' e 69,701 a thuirt ris a' Chunntas-Sluaigh gum bruidhneadh iad Gàidhlig. Ge bith dè na comasan a bha no nach robh aig càch, cha robh am beul air chomas labhairt.
Bha sin ann fhèin na adhartas mòr ge-tà: àrdachadh de 12,326 air an 57,375 le comas-labhairt ann an 2011. Cha bheag an rud e gun robh sin suas 21% - a' chiad àrdachadh oifigeil ann an luchd-labhairt ann an 50 bliadhna.
Na adhbhar misneachd do ChnaG 's do chàch, 's ann am measg na cloinne agus na h-òigridh a tha an t-àrdachadh. Gu follaiseach chaillear cuibhreann math de na Gàidheil a bu shine eadar 2011 agus 2022, ach tha fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh air na h-àireamhan a ghlèidheadh. Ann an 2022 bha 25,172 dhen luchd-labhairt feadh na dùthcha fo aois 30.
Ach airson a' chiad uair a-riamh, thuit àireamh luchd-labhairt nan Eilean Siar fo 50%, clach-mhìle mhòr nach robh duine airson a ruighinn.
Chan eil anns na h-àireamhan oifigeil sin ach dàrna leth na sgeòil ge-tà.
Tha rannsachadh às dèidh rannsachaidh air sealltainn gu bheil iomadh duine a chanas gu bheil comas-labhairt aca, nach bi a' bruidhinn a' chànain agus gu leòr aca nach eil air chomas a bruidhinn le cinnt no fileantas sam bith.
Tha i a' sìor chrìonadh mar chànan coimhearsnachd.
Fhuair sgrùdadh mòr air coimhearsnachd Shiaboist ann an Leòdhas ann an 2011 gun robh comas labhairt Gàidhlig aig gu leòr san sgìre, ach gur e glè bheag a bha ga cleachdadh bho là gu là.

Chaidh a dhèanamh do Bhòrd na Gàidhlig le luchd-rannsachaidh à Sabhal Mòr Ostaig. Thuirt iad gun robh an cànan ri oir na creige air sgàth dìth cleachdaidh 's nach robh i tuilleadh ga togail leis a' chloinn bho na ginealaichean romhpa.
Agus bha rabhadh ann mu shuidheachadh Shiaboist a thug air cuid clisgeadh: "Tha an cànan a' tuiteam às a chèile agus dh' fhaodadh i a bhith marbh mar chànan coimhearsnachd ann an Siabost taobh staigh ginealach no dà ghinealach."
Tha barrachd air aon Phlana Gàidhlig air a dhol an sàs ann an Siabost bhon uair sin, ach chan eil dearbhadh ann gu bheil iad air tilleadh a chur air an t-suidheachadh.
Thàinig rannsachadh eile bhon bhuidhinn acadaimigich Soillse ann an 2015, a' sealltainn gur e nas lugha na cairteal de na chaidh gu fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig nuair a thòisich e anns na 80an a bha fhathast a' cleachdadh a' chànain.
Thàinig an uair sin ceann-naidheachd ann an 2019 gur e dìreach 5% de chòmhraidhean poblach ann am Barraigh a bha gan cumail sa Ghàidhlig.
B' e sin a fhuair an Dr Ingeborg Birnie bho Oilthigh Srath Chluaidh, 's i air ùine a chur seachad a' farchluais air daoine anns na bùithean, cafaidhean is àiteachan poblach eile. Ach chuir cuid de mhuinntir Bharraigh teagamh ann an sin, 's nochd luchd-leasachaidh Gàidhlig gun robh leithid de cho-dhùnadh an cunnart am misneachd a thoirt bho dhaoine.
Thàinig fàidheadaireachd an droch sgeòil ceart ann an 2020, leis an leabhar "The Gaelic Crisis in the Vernacular Community," a rinn an t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin 's luchd-rannsachaidh eile bho Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Soillse.

An t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin
Chuir e an ceòl air feadh na fìdhle, ag ràdh gun robh an cànan ri uchd bàis anns na sgìrean dùthchasach eileanach agus gu bheil atharrachadh poileasaidh mòr a dhìth airson sin a chur ceart. Às aonais sin cha mhaireadh i barrachd air deich bliadhna mar chànan beò coimhearsnachd far an robh i uair làidir.
Thaom na "seachd soithichean feirge" mu chlaigeann Ó Giollagáin is chàich. Bha feadhainn a bha air bliadhnaichean a thoirt an sàs ann am buidhnean leasachaidh cànain, agus sgoileirean cànain eile, a' fàgail air gun robh uireasbhaidhean anns an rannsachadh agus gun robh e a' dèanamh sgaraidh, agus dìmeas air leasachadh a' chànain an àiteachan eile an Alba.
Ach gluais am measg òige no aois aig a bheil Gàidhlig anns na coimhearsnachdan againn an-diugh, agus 's e a' Bheurla gu tric a chluinneas tu aca.
Tha mi air a chluinntinn am measg dhaoine a tha ag obair ann an "saoghal na Gàidhlig" – ann am foghlam, craoladh, leasachadh, spòrs, is eile. Tha iad tric ag obair anns a' Ghàidhlig tro mheadhan na Beurla, a tha gu math nas nàdarraiche dhaibh am measg a chèile.
Tha mi air a chluinntinn le mòran de luchd na Gàidhlig nuair a thachras mi riutha còmhla ri an cuid chloinne a tha ann am foghlam tro mheadhan a' chànain. Tha e follaiseach ann an iomadh suidheachadh gur e cànan na sgoile a th' anns a' Ghàidhlig agus gur ann sa Bheurla a tha an dàimh teaghlaich.
Chan ann a' càineadh chàich a tha mi idir – thachair an aon rud na mo dhachaigh fhèin!
"Ge bè aig a bheil cluasan a-chum èisteachd, èisteadh e."

Clann aig Cuach na Cloinne, tè de na h-iomairtean òigridh aig CnaG
Le CnaG a' dèanamh deiseil airson coinneachadh ann an Steòrnabhagh, tha e follaiseach gu bheil ath-smaoineachadh a dhìth air mar a ghabhas an cànan cur air ais air bilean làitheil an t-sluaigh, agus cha thachair sin gun dòigh air dèanamh cinnteach gum bi an òigiridh againn ga bruidhinn 's gum bi sinne ga bruidhinn ris an òigiridh againn.
Oir far nach bi cànan na cànan coimhearsnachd cha bhi freumhaichean aice, agus seacaidh am blàth, a dh' aindeoin 's dè cho breagha 's a bhios e a' coimhead airson greis ann an cunntas-sluaigh no eile.
Chan e rud sìmplidh a tha ann. Aon uair 's gu bheil ceangalaichean is dàimhean eadar daoine air an togail ann an aon chànan, tha e doirbh sin atharrachadh.
Tha feum mòr air Gàidhlig ionnsachadh do bharrachd dhaoine – clann is inbhich – aig nach eil i. Ach mura h-eil iad a' dol ga cluinntinn ann an coimhearsnachdan air bilean dhaoine aig a bheil i mar-thà, cha dèan an soitheach ach tràigheadh.
Sgrìobh Eabhrach ann an Leabhar nan Gnath-Fhacail bho chionn suas ri trì mìle bliadhna: "Tha bàs agus beatha ann an cumhachd na teangaidh."
Tha a chànan-san fhathast beò - mar chànan làitheil nàiseanta ann an Israel. Ach ron sin bha i air a dhol bàs gu tur mar chànan làitheil beòil am measg diaspora nan Iudhach.
Dè dh'atharraich? Thòisich daoine ga bruidhinn.
Bidh Aithris na Maidne air BBC Radio nan Gàidheal a' tighinn beò à Steòrnabhagh madainn Diardaoin bho 07:30m air thoiseach air a' cho-labhairt. Gheibh sibh am fiosrachadh air fad cuideachd an seo fhèin air BBC Naidheachdan tron là, is air Aithris an Fheasgair aig 5f is air An Là air BBC ALBA aig 8f.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 uair