Tuilleadh maill le aiseag Bharraigh

Isle of Lewis
  • Air fhoillseachadh

Cha till an MV Isle of Lewis chun na seirbheis eadar Barraigh agus an t-Òban chun 23mh den Mhàrt a-nis, seach an 28mh den Ghearran mar a bha dùil, is dàil ann le obair càraidh.

Fuirichidh an MV Isle of Mull air an t-slighe is comas aice dìreach 45 luchd-siubhail a ghabhal air sgàth sàbhailteachd is trioblaid ann le siostam falmhachaidh èiginneach an t-soithich.

Dh'fhàg an suidheachadh sin muinntir Bharraigh ann an cruaidh-chàs na bu tràithe air a' mhìos seo, a-rèir Chomataidh Chòmhdhail Bharraigh, is iad ag ràdh nach gabhadh àite fhaighinn air an aiseag airson grunn làithean.

Gu dearbh, chaidh a ràdh gun robh fìor "èiginn" ann.

Chuir cuingealachadh an luchd-siubhail air an Isle of Mull an àireamh a tha ceadaichte sìos bho chòrr air 900 gu 45.

Ghabhaidh an Isle of Lewis còrr air 500 duine.

Bidh an MV Lord of the Isles air an t-seirbheis eadar Barraigh agus an t-Òban air an 26mh is 27mh den Ghearran airson leigeil le barrachd dhaoine siubhal, a-rèir na làraich-lìn aig CalMac.

Bha amharas ann gum biodh maill a bharrachd air obair an Isle of Lewis nuair a dh'innis CalMac an t-seachdain a chaidh gum biodh tuilleadh sheòlaidhean tarsainn air Caolas Bharraigh - agus thuirt iad gu bheil iad a' coimhead ri tuilleadh leudachaidh air an t-seirbheis sin bhon 5mh là den Mhàrt.

Tha CalMac ag ràdh gu bheil iad ag ùrachadh nan siostaman bucaidh air-loidhne agus clàran-ama thar an lìonra.

Dh'iarr iad air luchd-cleachdaidh an leisgeul a ghabhail.

Cuideachd cha bhi an Clansman a' dol air ais gu slighe nan Eilean Beaga chun 9mh den Mhàrt a' dol an àite an Hebrides.

Agus tha CalMac air leudachadh a dhèanamh air aonta màil an Alfred le Pentland Ferries is bidh i aca a-nis gu deireadh a' Chèitein.