Càintean parcaidh gu leòr air luchd-tadhail san Eilean Sgitheanach

- Air fhoillseachadh
Chaidh "cuibhreann nach beag" de chàintean parcaidh luach £430,000 san Eilean Sgitheanach air luchd-tadhail.
Thàinig am fiosrachadh am bàrr ann an aithisg a chaidh air beulaibh Comataidh an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsair, taobh a-muigh aig Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha an aithisg ag ràdh gu bheil càintean PCN san Eilean Sgitheanach air a bhith ag èirigh thairis air a' chòig bliadhna mu dheireadh.
Bha 2,784 PCN san Eilean Sgitheanach ann an 2020 is 7,011 an-uiridh.
Chaidh còrr is 2,670 a thoirt seachad thuige seo am-bliadhna.
Tha an aithisg ag ràdh gun deach càintean £430,000 a thoirt seachad eadar an Giblean 2024 is am Màrt 2025.
'S ann aig àitichean a tha a' tarraing tòrr luchd-turais a bha cuid de na h-àireamhan a b' àirde.
Chaidh cha mhòr 1,000 càin - luach £56,350 - a thoirt seachad aig pàirce chàraichean aig an Stòr.
Bha an t-suim as motha - £81,850 - aig Bayfield ann am Port Rìgh.
Tha an aithisg ag ràdh gun tèid sa chumantas 70% de chàintean parcaidh a chruinneachadh air a' cheann thall, ged a tha e uaireannan a' toirt bhliadhnaichean.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil grunn adhbharan air cùl an àrdachaidh a th' ann an càintean.
Nam measg, tha iad ag ràdh, tha riaghladh a bharrachd air raointean parcaidh is barrachd oifigearan.
"Tha cuid de na h-àitichean far a bheil tòrr chàintean air an toirt seachad a' tarraing tòrr luchd-tadhail is tha coltas ann gu bheil luchd-tadhail a' dèanamh suas cuibhreann nach beag dhiubh," thuirt neach-labhairt.
Thuirt iad gur e adhbhar dragh a th' ann am briseadh riaghailtean parcaidh is gu bheil e comasach dhan phoball fios a chur thuca mu shuidheachaidhean den leithid air an làraich-lìn aca, taobh a-muigh.
Tha figearan fa leth aig an ùghdarras ionadail, taobh a-muigh a' sealltainn gun deach mu £1.3m de chàintean PCN a thoirt seachad air feadh na Gàidhealtachd an-uiridh, an àireamh as àirde bho thòisich iad a' clàradh an fhiosrachaidh ann an 2016.
'S ann an Inbhir Nis a bha an àireamh a b' àirde dhiubh, is an uairsin an t-Eilean Sgitheanach is Loch Abar.
Aig an ìre seo chaidh £877,556 a chruinneachadh is £221,552 a chur an dàrna taobh.
Thuirt àrd-stiùiriche Caidreachas Turasachd na h-Alba, Marc Crothal, gu bheil luchd-turais - tòrr dhiubh às Alba fhèin - a' cur gu mòr ri eaconamaidhean eileanach.
Thuirt e gun do chosg luchd-turais £10.5bn ann an Alba an-uiridh, a' cumail taic ri cha mhor 250,000 cosnadh.
"Tha turasachd sheasmhach aig cridhe ro-innleachd turasachd nàiseanta na h-Alba, Scotland Outlook 2030," thuirt Mgr Crothal.
"Bhiomaid a' brosnachadh dhaoine a bhith tuigseach is urram a shealltainn do mhuinntir an àite nuair a tha iad a' tadhal," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An Dàmhair 2024