Triùir air an droch leòn ann an tubaist air an A82

Sanas-tubaiste nam poileas
  • Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach agus dithis bhoireannach a dhroch ghoirteachadh ann an tubaist eadar trì carbadan air an A82 faisg air a' Ghearasdan.

Thachair e mu 06.55 feasgar Diardaoin faisg air Carr's Corner mu mhìle siar air a' bhaile.

'S e Kia Stonic uaine, Citroen C3 glas agus Audi A1 dubh a bha an sàs ann.

Chaidh draibhear an Citroen, fear 67 bliadhna de dh'aois, a dhroch leòn agus chaidh a thoirt gu Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan. Bha boireannach, aois 52, a bha a' siubhal còmhla ris cuideachd air a droch ghoirteachadh agus thugadh a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis i airson cùraim.

Chaidh boireannach, 19, a bha a' draibheadh an Audi a thoirt a dh'Ospadal a' Bhelford agus i air a droch leòn.

Cha deach an fheadhainn a bha sa Khia a ghoirteachadh.

Chaidh boireannach, 42, a bha a' draibheadh a' Khia a chur an grèim agus fo chasaid ann an co-cheangail ri mar a thachair agus tha dùil gun nochd i ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Diluain.

Bha an rathad dùinte fad còrr is sia uairean de thìde fhad 's a bha na poilis a' rannsachadh làrach na tubaiste.

Thuirt an Sàirdseant Ally MacAoidh: "Tha an sgrùdadh againn a' leantainn feuch dè a bu coireach ris an tubaist-sa agus dh'iarrainn air duine sam bith le fiosrachadh a thighinn a bhruidhinn rinn.

"Tha sinn airson bruidhinn ri daoine aig a bheil dealbhan dascham a tha a' sealltainn an rathaid mun àm a thachair an tubaist," thuirt e.

Ma tha fiosrachadh agaibh faodaidh sibh fònadh gu 101 le àireamh na cùise, 3255 an 13mh den Ògmhios 2024.