Oidhirpean dèiligeadh le parcadh an Gleann Fhionnainn

Drochaid-rèile an Gleann Fhionnainn
  • Air fhoillseachadh

Tha ceumannan eile gan gabhail gus dèiligeadh leis na h-àireamhan mòra de charbadan a tha a' tighinn a Ghleann Fhionnainn.

Tha na fiolmaichean Harry Potter agus Carragh-chuimhne Ghleann Fhionnainn a' tàladh an t-uabhais luchd-turais chun na sgìre.

Agus ged a chaidh na goireasan parcaidh aig ionad an luchd-tadhail a leudachadh bho chionn ghoirid, tha duilgheadasan ann fhathast le càraichean air am fàgail aig oir an rathaid nuair a bhios am pàirc-chàraichean làn.

Tha Bear Alba, a tha an urra ris na prìomh rathaidean, air puist a chur aig oir an rathaid airson a dhèanamh soilleir do dhràibhearan nach fhaod iad parcadh an sin.

Chuir a' choimhearsnachd fàilte air a' cheum seo ach tha iad fhathast iomagaineach mun t-suidheachadh.

"Tha sinn gu math toilichte gu bheil e a' tachairt," thuirt Ingrid NicEanraig bho Sgeama Goireasan Coimhearsnachd Ghleann Fhionnainn.

"Ach, leis an uiread de dhaoine a tha fhathast a' tighinn, tha eagal oirnn gum bi an duilgheadas a' gluasad suas an rathad pìos beag.

"'S dòcha dhan taobh eile den bhaile, sin an rud a tha a' cur eagail oirnn.

"Tha sinn toilichte, feumaidh mi sin a ràdh ach tha eagal oirnn gum bi e a' gluasad," thuirt i.

Chaidh na goireasan parcaidh ri taobh ionad an luchd-tadhail ann an Gleann Fhionnainn a leudachadh leis a' choimhearsnachd ann an 2021.

Tha sin a-nis trì uimhir nas motha na bha e.

Ach fiù 's às dèidh sin, bidh e loma-làn mar as trice mu 09:30m agus chan fhaigh aon charbad a bharrachd a-staigh gus am falbh carbad eile.

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba a-nis air sgeama a chur an sàs airson dràibhearan a bhrosachadh an càr fhagail agus dòighean siubhail eile a chleachdadh airson tighinn chun na sgìre.

Chaidh billeag fiosrachaidh a sgaoileadh le fiosrachadh mu na clàran-ama do thrèanaichean is busaichean.

Tha gnothachasan anns an sgìre cuideachd a' tabhann phrìsean nas saoire ma shealleas luchd-tadhail dearbhadh gun tàinig iad air a' bhus no air an trèana.

"Ma sheallas tu ticead bus no trèana bhon là, gheibheadh tu dhan charragh-chuimhne aig leth-phrìs," thuirt Emily Bryce bhon Urras.

"Faodaidh tu 10% fhaighinn far na prìse aig Taigh-òsta Ghleann Fhionnainn, anns a' chafaidh agus san taigh-bìdh agus gheibhear airgead dheth aig grunnan àiteachan timcheall air Gleann Fhionnainn.

"Tha sinn gu mòr airson feuchainn ri toirt air daoine beachdachadh air an càr fhàgail anns a' Ghearasdan agus am bus no an trèana a chleachadh," thuirt i.