Manifesto Thòraidhean na h-Alba

Fo-thiotal a’ bhidio,

Beachdan air manifesto nan Tòraidhean Albannach

  • Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Ceannard nan Tòraidhean Albannach, Dùghlas Ros, manifesto Albannach nan Tòraidhean Diluain.

A' bruidhinn aig tachartas ann an Dùn Èideann, gheall e 1,000 dotair teaghlaich a bharrachd fhastadh, agus 1,000 oifigear poilis a bharrachd a chur air na sràidean.

Tha am pàrtaidh ag amas air cur às de na liostaichean feitheimh fada a th' aig an NHS leis na dotairean teaghlaich ùra - le 840,000 Albannach air liosta feitheimh an-dràsta - agus gum biodh cinnt ann gum faighte coinneamh le dotair teaghlaich ann an sgìre sam bith den dùthaich ann na nas lugha na seachdain.

A thuilleadh air na h-oifigearan poilis a bharrachd, bheireadh am pàrtaidh binn fad-beatha a-steach, gus am biodh "beatha a' ciallachadh beatha".

A thaobh foghlaim, dh'iarradh am pàrtaidh barrachd neo-eisimeileachd a thoirt do sgoiltean.

A thaobh chìsean gheall Mgr Ros gun ìslicheadh na Tòraidhean cosgaisean teaghlaichean air feadh na h-Alba, le gearraidhean cìse am measg na dhèanadh iad airson sin.

  • Chuireadh am pàrtaidh an Alba às de dh'ìre mheadhanaich cìs an teachd-a-steach, thuirt e.

  • Dh'àrdaicheadh iad an ìre aig am pàigheadh cìs air malairt fearainn is togalaichean gu £250,000.

  • Cuireadh am pàrtaidh cuideachd "taic dhaingeann" ri gnìomhachas na h-ola 's a' ghas ann na Alba.

  • Thuirt e gun dèanadh na Làbaraich 's an SNP "sgrios" air eaconomaidh an ear-thuath, 's gun cuireadh iad 100,000 cosnadh an cunnart an Alba le bhith a' cur an aghaidh in-ionmhais ùir sa ghnìomhachas.

  • Tha am manifesto cuideachd a' gealltainn rathaidean na dùthcha a chàradh, agus taic a thoirt do dh'àiteachas airson tèarainteachd bìdh na dùthcha a neartachadh.

A' bruidhinn às dèidh Mhgr Ros, thuirt am Prìomhaire Rishi Sunak gur iad na Tòraidhean a-mhàin a th' air seasamh aig an SNP air leithid aithne-ghnè agus achd "cunnartach" na h-eucoir gràin.

Thuirt e gun cuireadh bhòt dha na Tòraidhean "na gnothaichean seo "dhan leabaidh", 's gun cumadh an SNP orra ag iomairt airson neo-eisimeileachd nam faigheadh iad mòr-chuid de sheataichean an Alba.

Tùs an deilbh, EPA

Dh'fhoillsich am Prìomhaire manifesto nan Tòraidhean Dimàirt 11mh Ògmhios, le gealltanas gur iad an aon phàrtaidh aig a bheil poileasaidhean a bheireadh piseach do bheathannan mhuinntir Bhreatainn.

A' toirt seachad òraid aig cùrsa Silverstone ann an Northamptonshire, ghabh Mgr Sunak ris gu bheil cuid mì-thoilichte leis a' phàrtaidh aige agus leis fhèin agus thuirt e "chan eil sinn air a h-uile càil fhaighinn ceart".

Ach ma thèid an taghadh a-rithist gheall e gun leanadh iad orra "a' gearradh chìsean sna bliadhnaichean ri thighinn".

Aig cridhe na h-òraid aige bha an gealltanas dà sgillinn a ghearradh far Árachais Nàiseanta ron Ghiblean 2027.

Thuirt e cuideachd gun cuireadh iad às dhan phrìomh ìre de dh'Àrachas Nàiseanta do dhaoine a tha ag obair air an ceann fhèin ro dheireadh na tèirm pàrlamaid.

Thug e seachad gealltannas air na dhèanadh iad airson dèiligeadh ri inimricheas.

Bhiodh plèanaichean a' dol a Rwanda gu cunbhalach a h-uile mìos, a' giùlain inimrichean a thàinig tarsainn a' Chaolais Shasainnich.

Thuirt e gun gearradh iad àireamh nan inimreach na dhà leth agus gun cumadh iad orra a' lùghdachadh na h-àireimh sin a h-uile bliadhna.

Gheall e taic do dhaoine a tha a' ceannach taighe airson a' chiad uair le bhith a' cur às do chìs-stampa air taighean luach suas ri £425,000.

Bhiodh gearraidhean cìse ann cuideachd do dh'uachdarain a reiceas taigh do mhàladairean.

A thaobh foghlaim aig àrd-ìre, dhearbh iad gun dùineadh iad cùrsaichean oilthigh nach eil air am meas math gu leòr a thaobh na 's urrainn do dhaoine cosnadh am measg eile.

Dhèanadh iad iomairt 100,000 preantaschd a chruthachadh gach bliadhna ro dheireadh na h-ath phàrlamaid.

Gheall iad gun coilean iad an targaid a bhith carbon neòdrach ro 2050 (tha sin a' ciallachadh nach biodhte a' cur tuilleadh ri na tha de ghasaichean millteach san àile).

Thèid àrdachadh a thrì uimhir a thoirt air na tha de thuathanasan-gaoithe aig muir agus bheir iad taic do stèiseanan niùclasach "modular".

Gheall iad 92,000 nursaichean agus 28,000 dotairean a bharrachd fhastadh don NHS na chaidh fhastadh ann an 2023.

Agus cleas mar a rinn iad sa mhanifesto a bh' aca airson taghadh 2019, gheall iad uair eile gun tog iad 40 ospadal ùr ann an Sasainn.