Teine aig factaraidh fiodha an Inbhir Ghòrdain ga smàladh

Factaraidh fiodha Balcas EnergyTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich an teine aig ionad Balcas Energy feasgar Diciadain

  • Air fhoillseachadh

Chaidh aig luchd-smàlaidh ri teine mòr a bha a' dol aig factaraidh fiodha ann an Inbhir Ghòrdain a chur às.

Thathar a' tuigsinn gun do thòisich e aig ionad Energy Balcas ann an Raon Gnìomhachais Chaolas Chromba feasgar Diciadain.

Thuirt neach-labhairt bho Sheirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba gun robh naoi carbadan-smàlaidh agus luchd-obrach le trèanadh sònraichte a' dèiligeadh ris an teine nuair a bha e aig àirde.

Bha iad 28 uairean de thìde a' dèiligeadh ris an teine agus dh'fhàg iad an làrach aig mu 19.15f feasgar Diardaoin.