Lioncs a leigeadh mu sgaoil gu mì-laghail a-nis ann an dachaigh ùr
Lioncs
- Air fhoillseachadh
Chaidh trì cait lioncs a chaidh a leigeil mu sgaoil gu mì-laghail air a' Ghàidhealtachd na bu thràithe am-bliadhna a thoirt chun na dachaigh ùir aca beagan mhìltean air falbh bhon àite san do lorgadh iad.
Chunnacas na beathaichean am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh tràth san Fhaoilleach agus an dèidh iomairt ghlacadh iad deas air an Aghaidh Mhòir.
An dèidh greis ann an cuarantain aig Sù Dhùn Èideann chaidh na trì cait bhoireann a ghluasad gu Pàirc Fiadh-Bheatha na Gàidhealtachd ann an Ceann a' Ghiùthsaich, a tha cuideachd air a ruith le Comann Ainmh-eòlas Rìoghail na h-Alba (RZSS).
Chaidh ceathramh lionc, beathach fireann, a ghlacadh cuideachd san Fhaoilleach ach bhàsaich e goirid às dèidh sin.
Thathas den bheachd gun robh na cait mu bhliadhna a dh'aois nuair a leigeadh mu sgaoil iad agus 's e A, B agus C a thathas a' gabhail orra.
Sin ainmean nan ciad thrì beathaichean a bh' aig Sù Dhùn Èideann ann an 1913 - trì cinn-fhionna.
- Air fhoillseachadh13 Am Faoilleach
Thuirt àrd-oifigear RZSS, David Field: "Bha e follaiseach gun robh na lioncs cleachdte ri daoine agus tha a h-uile teansa gum biodh iad air bàsachadh mura deach cobhair a dhèanamh orra leis nach b' urrainn dhaibh biadh fhaighinn dhaibh fhèin.
"Le bhith a' coimhead an dèidh nan cat seo aig Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd bidh barrachd eòlais againn air a' ghnè iongantach seo agus bidh sin a' cur ri còmhraidhean mu mar as fheàrr a ghabhas beathaichean a thilleadh a dh'Alba.
"Tha na trì lioncs uile le nàdar àraid, 's fìor thoigh leotha a bhith a' cluich còmhla, gu h-àraid le bàlaichean agus dèideagan eile. Tha sinn cinnteach às gur e tarraing mòr a bhios annta dha na daoine a thig gam faicinn."

Chaidh na lioncs a ghluasad ann an bogsaichean dhan bhuaile aca an Ceann a' Ghiùthsaich
Tha a' bhuaile aca le feur fada, craobhan agus stuth air an dìrich na cait agus puist-tachais dhaibh. Tha cuideachd àite far am faigh iad air falbh bho dhaoine ma dh'fheumas iad beagan fois.
Thuirt Lauren Walker, a tha ag obair aig a' phàirc: "Tha a' bhuaile cho faisg air a' bhlàr a-muigh agus a ghabhas a bhith agus fhathast na àite sàbhailte dhaibh.
"Bidh iad air an deagh choimhead às an dèidh an seo."
Fhuair na poilis fios gun robh lioncs mu sgaoil air an 8mh den Fhaoilleach.
Chaidh trapaichean le cèidsichean a chleachadh sa robh feòil airson na cait a thàladh. Chaidh an glacadh taobh a-staigh dà là.
Tha Poileas Alba air a bhith a' sgrùdadh na cùise agus tha an sgrùdadh a' leantainn.

Bha lioncs uair dùthchasach do dh'Alba ach chaidh iad à bith na ceudan bhliadhnaichean air ais.
Tha amharas ann gur e peataichean a bh' anns na cait a chaidh a shaoradh, neo gun deach an leigeal mu sgaoil le daoine a tha airson a' ghnè a thoirt air ais do na monaidhean.
Tha an com-pàirteachais Lioncs gu Alba a' cur taic ri tilleadh nan cat dhan dùthaich ach chàin iad na thachair san Fhaoilleach.
Thuirt Steve Micklewright Trees for Life, aon de na buidhnean a tha an sàs ann: "Bha e uabhasach agus mì-laghail mar a chaidh am fàgail - dh'fhaodadh na lioncs air bàsachadh.
"Ach, tha sinn a' creidsinn gu bheil lioncs a dhìth air a' bhlàr a-muigh.
"Tha fios againn gu bheil an Rìoghachd Aonaichte air aon de na dùthchannan san Roinn Eòrpa aig nach eil beathach-creachaidh mar an lioncs.
"Tha iad nàdarrach agus bidh iad a' cumail smachd air àireamhan ainmhidhean eile mar na fèidh.
"Tha iad cudromach airson ath-bheòthachadh a thoirt air an èiceo-shiostam."
Tha Lioncs gu Alba air a bhith ag obair le tuathanaich, uachdarain, gnìomhachasan turasachd agus luchd-glèidhteachais agus tha dùil ri plana bhuapa an ath-sheachdain.
Tha iad den bheachd gur e "am measadh as mionaidiche gu ruige seo a bhios ann air dè bhiodh a dhìth air pròiseact ath-thillidh an Alba airson agus gum b' urrainn don lioncs agus mac an duine a bhith beò còmhla".
Na bu tràithe air a' bhliadhna, thuirt am Prìomh Mhinistear Iain Swinney nach cuireadh iad taic ri ath-thilleadh laghail den lioncs a dh'Alba.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 An Gearran
- Air fhoillseachadh19 An Gearran