Uan Wonky Thiriodh a' sìor chosnadh cliù

WonkyTùs an deilbh, Rhoda Meek
  • Air fhoillseachadh

Tha i àraid, tha i cute is abair gu bheil i ainmeil.

Cò eile ach Wonky, an t-uan Tiristeach a tha a' sìor chosnadh cliù dhi fhìn anns gach ceàrn.

Bha toiseach-tòiseachaidh rudeigin doirbh aig Wonky bheag bhochd is i air pronnadh le bràthair - brùid de dh'uan tha e coltach - fhad 's a bha i a' dèanamh a slighe a-steach dhan t-saoghal.

Dh'fhàg sin gun do rugadh i le car na h-amhaich. Rudeigin Wonky.

Ach ged a bha dragh ann gur dòcha nach maireadh i fada, tha i a-nise a' gabhail bainne bho màthair agus a' dol bho neart gu neart.

"Tha Wonky gu sprogail, tha i a' dèanamh cho math," thuirt Rhoda Meek, leis a bheil Wonky (is a chuir an t-ainm oirre).

"Tha i a-nise a' ruith is a' leum. Chan eil i buileach a' cur charan ach chan eil i fad às."

Ach tha gu leòr eile a tha a' cùr charan mu Wonky is i air a dhol bhioral anns na làithean mu dheireadh.

"Tha dà mhillean gu leth duine air Wonky fhaicinn air TikTok," mhìnich Rhoda.

Is chan e sin e a-mhàin.

Fo-thiotal a’ bhidio,

"Tha following aice air Instagram a tha do-chreidsinneach. Thòisich sinn le 1,500 neach Diluain seo chaidh is dh'fhosgail mi mo shùilean an-diugh sa mhadainn is bha 72,000 aice.

"Tha i cute, chan eil dòigh mun cuairt air."

Cute ann no às ge-tà, tha Rhoda den bheachd gu bheil adhartas Wonky ann an suidheachadh doirbh cuideachd air togail a thoirt do dhaoine.

Anns na h-amannan mì-chinnteach anns a bheil sinn beò, tha e coltach gur e togail a tha sin air a bheil gu leòr a' cur feum.

"Bha dragh oirnn an toiseach ach tha e a-nise a' dèanamh cho math agus san t-saoghal a th' ann tha mi a' smaointinn gu bheil good news story a' còrdadh ri daoine."

Agus tha sgeulachd is cliù Wonky cuideachd a' dol a dhèanamh cinnteach nach land i air truinnsear air a' cheann thall.

Ge brith dè an t-iarrtas a th' ann air feòil uain anns na mìosan ri tighinn, tha Wonky bheag sàbhailte gu leòr.

"Ged a tha mi a' dèanamh croitearachd 'son biadh tha Wonky a' fantail air a' chroit cho fada 's a tha i airson sin a dhèanamh," thuirt Rhoda.

"Tha dachaigh aice".