Rabhadh don phoball sna h-Eileanan Siar an dèidh goid £85k air fear, 81, le foill

Làmhan seann duine le fòn-làimhe Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis ag iarraidh air muinntir nan Eilean Siar a bhith furachail an dèidh grunn aithrisean gun deach airgead a ghoid air daoine ann an cleasan-meallaidh.

Bha aon chùis ann far an d' fhuair daoine £85,000 bho fhireannach, 81, an dèidh dhaibh fònadh thuige grunn thursan.

Chaidh aca air a' chairt agus na h-aithrisean banca aige a chleachdadh airson a chuid airgid a chur ann an cunntas banca a chruthaich iad air loidhne.

Chaill boireannach, 75, mu £25,000 nuair a dh'fheuch i ri airgead crypto a cheannach le bhith a' leantainn ceangal air loidhne.

Chaidh an coimpiutair aice a ghabhail thairis aig astar le daoine a chuir a-steach airson iasadan mòra fo a h-ainm.

Thuirt na poilis gu bheil an rannsachadh mun dà chùis seo a' leantainn.

Thuirt an Conastabal Anna Innes gum faod duine sam bith a bhith air am mealladh le na h-eucoirich air cùl nan sgeamaichean foille seo.

"Gu math tric, tha fiosrachadh aca mu chuideigin nach bu chòir a bhith aca agus, mar sin, bidh iad a' toirt misneachd do dhaoine gu bheil iad onarach," thuirt i.

'S e comhairle nam poileas don phoball nach bu chòir earbsa a bhith aca ann an conaltradh ris nach eil dùil, agus gun fiosrachadh pearsanta no mu ionmhas a thoirt seachad mura h-eil iad cinnteach às cò tha ga iarraidh.

Faodaidh daoine a th' air eucoir mar seo fhulang neo a tha le dragh fios a chur gu Poileas Alba air àireamh fòn 101.

Gheibhear stiùireadh mu sgeamaichean foille air làrach-lìn Phoileas Alba., taobh a-muigh