Alba Chruthachail air taic a dhearbhadh
- Air fhoillseachadh
Tha grunn bhuidhnean ealain air a' Ghàidhealtachd is buidhnean ealain Gàidhlig eile am measg na tha air taic-airgid fhaighinn bho Alba Chruthachail.
Dh'fhoillsich a' bhuidheann nàiseanta madainn Diardaoin am maoineachadh a tha iad a' toirt seachad eadar 2025 is 2028, taobh a-muigh is modal maoineachaidh ùr aca.
Bha buidhnean ealain air rabhadh a thoirt seachad gum biodh an obair aca ann an cunnart mòr mura faigheadh iad taic.
Am measg na fhuair dearbhadh air maoineachadh tha Fèis Cheilteach Innse Gall.
Thuirt iadsan gun cuir £270,000 thairis air trì bliadhna dìon air obraichean is gun toir e "cruth-atharrachadh" air gnothaichean le cinnt gu bheil taic-airgid air a dearbhadh thairis air ùine.
Thuirt stiùiriche na fèise, Iain MacPhàil, gur e "co-dhùnadh adhartach" a bh' ann bho Alba Chruthachail is gun robh iad air aithneachadh cho cudromach 's a tha an fhèis dhan choimhearsnachd ionadail.
Rinn Eden Court ann an Inbhir Nis gàirdeachas cuideachd is iadsan ag ràdh gun toir àrdachadh anns an taic aca "buaidh fìor mhòr air cultar is na h-ealain air a' Ghàidhealtachd".
Gheibh Eden Court còrr is £2.5m eadar seo is 2028.
Am measg bhuidhnean a fhuair dearbhadh air taic tha:
An Lanntair - £1,716,278
Ceòlas - £345,000
Comhairle nan Leabhraichean - £806,001
Eden Court - £2,546,570
Fèis Rois - £1,043,958
Fèisean nan Gàidheal - £2,204,973
Fèis Cheilteach Innse Gall - £270,000
Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd - £1,435,500
Taigh Chearsabhagh - £656,342
Theatre Gu Leòr - £607,000
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin, thuirt stiùiriche cruthachail Theatre Gu Leòr, Seona NicGilleFhionndaig, gum feumadh iad meòrachadh am b' urrainn dhaibh leantainn mar chompanaidh mura biodh iad air airgead fhaighinn.
Ann am brath feasgar Dhiardaoin, thuirt Theatre Gu Leòr gu bheil iad air an dòigh leis a' mhaoineachadh agus an naidheachd gu bheil buidhnean Gàidhlig eile air taic fhaighinn.
"Briseadh-dùil eagalach"
Bha droch naidheachd ann ge-tà, dhan bhuidhinn Ceòl is Craic ann an Glaschu.
Ged a rinn iad tagradh do dh'Alba Chruthachail, cha do shoirbhich leotha.
Bha a' bhuidheann air innse do BBC Naidheachdan san t-Samhain gun robh iad ann an cunnart a dhol à bith is iad a' feitheamh fios mu mhaoineachadh bho Alba Chruthachail san ùine fhada.
Thuirt iad Diardaoin gur e "briseadh-dùil eagalach" a th' ann nach d' fhuair iad taic is gum feum iad a-nise a' beachdachadh air gnothaichean às ùr.
"Seasmhachd is cinnt"
Thuirt Alba Chruthachail fhèin gun robh iad air am buidseat as motha aca riamh fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba le còrr is £200m a' dol gu còrr is 250 buidheann.
Tha cuideachd £3m ann am maoin leasachaidh le dòchas gun tèid buidhnean sa mhaoin sin dhan phrìomh mhaoin air a' cheann thall.
"'S e la fìor mhath a tha seo do roinn a' chultair ann an Alba," thuirt Raibeart MacUilleim, cathraiche Alba Chruthachail.
"Leis a' cheum seo tha sinn a' toirt seasmhachd is cinnt dhan roinn às ùr".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 Am Faoilleach
- Air fhoillseachadh27 An Lùnastal 2024