Neach-coiseachd air a lorg slàn sàbhailte

Rasa KilikeviciuteTùs an deilbh, POILEAS ALBA
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh na poilis feasgar Diardaoin gun deach Rasa Kilikeviciute, 33, a bha a dhìth às a' Ghearasdan a lorg slàn sàbhailte.

Chaidh aithris roimhe gun robh dùil gu robh i a' coiseachd eadar Diùranais ann an Dùthaich MhicAoidh agus Loch Abar.

Cha robh teaghlach Rasa Kilikeviciute air càil a chluinntinn bhuaipe bho Dhiluain, nuair a bha i a' coiseachd deas air Ceann Loch Biorbhaidh.