Dh'fhaodadh gun reicear fearann am Fìobha an aghaidh toil nan uachdaran

Tha buidheann coimhearsnachd airson an gàrradh seo a cheannach agus a dhèanamh na phàirc phoblaich
- Air fhoillseachadh
Tha luchd-lagha ag ràdh gu bheil iomairt gàrradh a cheannach dhan choimhearsnachd an Cill Rìmhinn air leth cudromach airson ath-leasachadh an fhearainn an Alba.
Tha a' bhuidheann, am Poet's Neuk, air a bhith a' feuchainn fad bhliadhnaichean gus sealbh fhaighinn air aon de na gàrraidhean a tha mar phàirt den cheàrnaig ris an canar Gàrradh nam Manach Liath ann an seann bhaile Chill Rìmhinn.
Tha iad ag ràdh gu bheil an gàrradh robach agus air a chleachdadh airson dol a-mach mì-shòisealta. Tha iad airson pàirc phoblach a chruthachadh ann.
Le bhith a’ cleachdadh Achd an Fhearainn fhuair a’ bhuidheann cead an làrach a cheannach ann an 2018.

Ìomhaigh neach-ealain air cò ris a dh'fhaodadh an gàradh a bhith coltach ma thèid e na ghoireas phoblach
Ach chan eil an fheadhainn leis a bheil an talamh, urras a tha clàraichte ann an Eilean Mhannainn, airson a reic.
Tha iad a' dèanamh ath-thagraidh an aghaidh co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba an-uiridh gum bu chòir toirt orra a reic an aghaidh an toil.
Thuirt Ministearan:"'S e seo a' chiad iarrtas de leithid ann an Alba agus ma thèid gabhail ris togaidh e ùidh ann agus bheir e buaidh air cleachdadh fearainn, chan ann a-mhàin ann an Cill Rìmhinn ach ann an Alba san fharsaingeachd."
Tha luchd-lagha ag ràdh gur e cùis air leth cudromach a tha seo agus gur dòcha gum biodh e na h-eisimpleir do choimhearsnachdan eile air feadh na dùthcha agus am brosnachadh gus brath a ghabhail air na còraichean fearainn a th' aca a-nis.

Tha a' bhuidheann coimhearsnachd a tha airson an gàrradh a cheannach ag ràdh gu bheilear ga chleachdadh airson dol a-mach mì-shòisealta
On thàinig Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn gu bith 's e seo a' chiad uair a chuireadh taic ri oidhirp talamh a cheannach ged nach e toil an luchd-seilbhe.
Tha an Dtr. Josh Doble na mhanaidsear poileasaidh aig Fearann Coimhearsnachd na h-Alba: ''Sa chùis seo tha Ministearan Albannach ag ràdh gum feum an talamh a bhith air a reic ris a' choimhearsnachd.
"Thathar a' meas gun tig leasachadh seasmhach às ma 's ann fo shealbh na coimhearsnachd a tha e, no gum bi cothrom ann stad a chur air an talamh bho bhith air fhàgail a dhol a dholaidh," mhìnich e.
A' bruidhinn mun chùis-lagha a th' aig ìre thràth, thuirt an luchd-lagha a tha a' riochdachadh nan uachdaran, MML Law: "Ged a chaidh grunn thagraidhean planaidh a mholadh le oifigich Comhairle Fhìobha, chaidh an diùltadh le comhairlichean.
"Nam measg bha planaichean gus dèiligeadh ri dol a-mach mì-shòisealta le bhith a' cur feansaichean an-àirde.
"Mholamaid do neach-seilbhe sam bith ann an Alba sùil gheur a chumail air mar a tha an t-Achd ga chleachdadh agus mar a leanas a' chùis-lagha seo."

Chan eil fhios dè an taobh ris an tèid gabhail sa chùis-lagha
Thuirt Righaltas na h-Alba nach toir iad seachad beachd air cùis-lagha fhad 's a tha i a' dol air adhart.
Chan eil a' bhuidhean choimhearsnachd airson bruidhinn aig an ìre seo.
Dh’fhaodadh gun lean a’ chùis-lagha seo fad mhìosan.
Nuair a thig breith na cùirte, ge b' i dè bhios ann, 's iongantach mura toir e buaidh air còraichean coimhearsnachd air feadh na dùthcha.