Mar a tha luchd-smàlaidh 'son teine a chleachdadh gus strì ri teintean

- Air fhoillseachadh
Tha cha mhòr 80% de theintean-mòintich an Alba bho 2011 air tachairt eadar am Màrt agus an Cèitean agus chan eil am-bliadhna air a bhith na h-eadar-dhealachadh sam bith.
An t-seachdain seo fhèin bha teine mòr ann an coille ann am Moireibh.
Tha teintean-mòintich cunnartach, tha iad a' dèanamh sgrios mòr agus glè thric a' toirt ùine smachd fhaighinn orra – gun luaidh air na dùbhlain a th' ann dha einnseanan-smàlaidh faighinn thuca.
Ri linn seo, tha Seirbheis-smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba air buidheann shònraichte a chur an sàs ann an oidhirp dèiligeadh ri teintean-mòintich.
Mar phàirt de na planaichean aca, tha luchd-smàlaidh a' faighinn treànaidh air dòigh gus smachd a chumail air teine a tha cuid a' cleachadh mar-thà - sin a bhith a' cleachdadh teine fhèin san t-strì an aghaidh theintean-monaidh.
Tha an dòigh losgaidh seo ga theagasg le Iain Hepburn agus Callum Kippen bhon chompanaidh Bright Spark.

Rinn teine ann an Coille Chùil Beinne ann am Moireibh sgrios an t-seachdain seo
Tha Callum air 40 bliadhna a chur seachad na gheamair air oighreachdan air a' Ghàidhealtachd, a' ciallachadh gu bheil e gu math fiosraichte mun dòigh seo smachd a chumail air talamh mòintich.
"Bidh sinn a' tòiseachadh teine agus ga chur 'son 's gu bheil e a' tighinn an aghaidh na gaoithe," thuirt Callum.
"Bidh na lasairean a' tighinn gar n-ionnsaigh is an ceò a' dol bhuainn.
"Tha an teine an uairsin a' dol nas slaodaiche. Tha sin a' losgadh tòrr a bharrachd dhan phlanntrais agus chan eil càil air fhàgail.
"Ma tha teine mòintich an uairsin a' tighinn gar n-ionnsaigh, tha sinne air briseadh teine a chruthachadh mar gum biodh. Tha an teine a' tighinn gu talamh a tha mar-thà air a losgadh is chan eil àite dhan tèid e is thèid e às.
"Tha e gu math cudromach gun tèid na sgilean seo ionnsachadh agus a chur an cèill, leis gu bheil e duilich uaireannan einnseanan-smàlaidh agus innealan fhaighinn gu teintean mar seo."

Tha an dòigh air a bhith air a cleachdadh air feadh an t–saoghail 'son smachd fhaighinn air teintean 'son iomadach bliadhna.
Chan e dòigh ùr a th' ann mar sin do gheamairean agus manaidsearan oighreachdan, agus tha Callum ag ràdh gu bheil e cudromach an t-eòlas aca a thoirt seachad dhan t-seirbheis-smàlaidh.
Thuirt Niall MacIllinnein bho Sheirbheis Smàlaidh agus Teasargainn na h-Alba: "Tha mi a' creidsinn gu bheil daoine a' smaoineachadh oirnne 'son a bhith a' cleachdadh uisge agus hòsaichean 'son a bhith a' dèiligeadh ri teintean – agus tha sinn agus bidh sinn, ach 's e dòigh eile a tha seo agus le teintean-mòintich, tha planntrais a' dol mar sheòrsa de chonnadh dhan teine.
"Ma thèid agad an connadh sin a thoirt air falbh, 's e sin dòigh eile air smachd fhaighinn air cùisean.
"Mar as motha de chothroman, fiosrachadh agus dòighean smachd fhaighinn air teine, 's e as fheàrr".

Dh'fhaodadh gun cuireadh an dòigh iongantach a tha seo airson mòintichean a dhìon iongnadh air cuid - le bhith a' cleachdadh teine agus an teine an rud a tha a' dèanamh sgrios.
Ach tha Callum soilleir nach eil an dòigh seo a' deànamh millidh san aon dòigh 's a tha teintean-monaidh.
"Tha teintean monaidh a' losgadh sìos dhan talamh gu h-ìosal. Chan eil càil a' tighinn às beò.
"Chan eil sinne ach a' losgadh fraoich air an uachdar.
Feumaidh sinn an ùine agus an t-astar aig am bi teintean-monaidh a' losgadh a lùghdachadh agus 's urrainn dhuinn sin a dhèanamh leis an dòigh-obrach seo".
Bidh cothrom agaibh an aithris shlàn aig Anne fhaicinn air Landward air BBC Scotland Diardaoin aig 8:30f agus bidh e cuideachd ri fhaighinn air iPlayer a' BhBC.