Taigh na Sgìre ann am Port Rìgh ga leasachadh

Taigh na Sgìre, Phort Rìgh
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh seirbheisean poblach air an cur còmhla san aon togalach aig a' cheann thall

  • Air fhoillseachadh

Dhùin Oifisean Comhairle na Gàidhealtachd ann am Port Rìgh fhad 's a bhios leasachadh mòr a' dol air adhart air an togalach, Taigh na Sgìre.

Mar phàirt den leasachadh thèid seirbheisean poblach a chur còmhla san aon togalach.

Tha oifisean na Comhairle air a bhith stèidhichte ann an Taigh na Sgìre fad iomadach bliadhna, ach chan eil e freagarrach tuilleadh, agus uisge air a bhith a' tighinn a-steach.

Tha dùil gun cosg an leasachadh mu £2.5m.

Comhairliche ionadail Phort Rìgh, Drew Millar
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an leasachadh na 'eisimpleir do bhailtean beaga eile' a rèir comhairliche ionadail Phort Rìgh, Drew Millar

Tha an togalach na dhà phàirt - seann togalach cloiche, agus pàirt nas ùire a ghabh àite an t-seann Drill Hall. 'S e am pàirt as ùire as fheumaiche air leasachadh.

Thèid mullach ùr a chur air agus thèid còmhdach ùr a chur air taobh a-muigh ballachan an togalaich.

Thèid an taobh a-staigh atharrachadh cuideachd; cha bhi an seòmar deasbaid ann tuilleadh, agus thèid oifisean ùra a chruthachadh.

Tha luchd-obrach na Comhairle air gluasad a-mach gu diofar àiteachan ann am Port Rìgh fhad 's a leanas an obair-leasachaidh.

'Barrachd cho-obrachaidh'

Nuair a tha an obair deiseil, a thuilleadh air luchd-obrach na Comhairle, bidh oifisean ann do bhuidhnean eile leithid HIE, NàdarAlba, VisitScotland agus Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill.

"Bu chòir gur e eisimpleir a bhios ann 's dòcha do bhailtean beaga eile air mar a ghabhas na seirbheisean uile a chur còmhla," thuirt comhairliche ionadail Phort Rìgh, Drew Millar.

"Agus mar a dh'obraicheas iad le chèile cuideachd, oir tha sinn uile ag obair às leth luchd-pàighidh nan cìsean a chùm buannachd na coimhearsnachd.

"Ceadaichidh seo barrachd cho-obrachaidh na th' air a bhith ann roimhe."

Tha dùil gum mair an obair-leasachaidh mu bhliadhna uile gu lèir.