"Draghan mòra" mu Sheirbheis Cùram san Dachaigh an Cataibh

- Air fhoillseachadh
Thog Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim "draghan mòra" mun ìre de chùram a tha ri fhaotainn le Seirbheis Cùram san Dachaigh ann an Cataibh.
Chuir iad brath chun na seirbheis ag innse dhaibh gum mol iad gun tèid cur às dhan chlàradh aca mura tig piseach air an obair aca.
Feumaidh iad, tha an luchd-cùram ag ràdh, dèanamh cinnteach gu bheil daoine a' faighinn "leigheas agus cùram sàbhailte agus coibhneil".
Dhearbh NHS na Gàidhealtachd gun d' fhuair iad aithisg le grunn mholaidhean airson mar a ghabhas an t-seirbheis a leasachadh agus gun robh iad ag obair air sin a choileanadh.

Am measg nan draghan a nochd luchd-sgrùdaidh, bha mar a bha drugaichean gan toirt seachad, dearbhadh airson duilgheadasan craicinn agus a bhith a' dèanamh cinnteach gun tèid aig luchd-cleachdaidh na seirbheis a bhith a' gluasad gu sàbhailte nan dachaighean.
Thuirt iad cuideachd gum feum manaidsearan agus luchd-obrach a bhith a' coileanadh an cuid dhleasdanasan nuair a thig atharrachadh air slàinte luchd-cleachdaidh air neo nuair a tha iad mì-thoilichte neo ann an cunnart.
Thuirt labhraiche Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim: "Tuigidh sinn gur e àm duilich a tha seo do luchd-cleachdaidh na seirbheis, an teaghlaichean agus don luchd-obrach.
"Ge-tà, 's e am prìomhachas againn daonnan slàinte agus sunnd luchd-cleachdaidh seirbheis."
Thuirt NHS na Gaidhealtachd gum biodh iad "ag obair leis an luchd-obrach aca gus coileanadh na chaidh iarraidh orra cho luath sa ghabhas".
Thuirt iad gum foillsicheadh iad brath eile an ceann seachdain aon uair agus gun robh cothrom aca bruidhinn le luchd-cleachdaidh na seirbheis.
Ghabhaidh aithisg Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim a leughadh an seo, taobh a-muigh.