Dragh mu obair leasachaidh 'son bàt-aiseig a' Chorrain

Aiseag a' Chorrain
Fo-thiotal an deilbh,

Feumar an obair leasachaidh air bun-structar air gach taobh de dh'Aiseag a' Chorrain airson a' bhàt'-aiseig ùir dealanach a bhios ann

  • Air fhoillseachadh

Tha dragh ann nach eil planaichean Comhairle na Gàidhealtachd airson na goireasan taobh Àird Ghobhar de dh'Aiseag a' Chorrain math gu leòr.

Tha na planaichean airson mar a ghabhas bun-structar co-cheangailte ri bàt'-aiseig a' Chorrain gan deasbad le comhairlichean Gàidhealach Dimàirt.

Tha an obair a dhìth airson a' bhàt'-aiseig dealain ùr a tha gu bhith air an t-slighe.

Am measg na thathar a' moladh 's e lamraigean concreit, balla-fasgaidh agus bun-structar a leigeas le soitheach a bhith ceangailte air an oidhche an Àird Ghobhar.

Seo an ìre mu dheireadh de chòmhradh mus tèid cead-dealbhachaidh iarraidh.

Tha Màiri Anna NicUalraig a' fùireach ann an Àird Ghobhar agus tha i am measg na tha a' togail dragh gum bi na h-aon duilgheadasan aca a thaobh trafaig agus carbadan a sgaoileadh a-mach dhan rathad mhòr 's a th' ann an-dràsta.

"Tha sinn gu math soilleir den bheachd nach e seo an t-slighe cheart air adhart," thuirt Ms NicUalraig.

Màiri Anna NicUalraig
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dragh air Màiri Anna NicUalraig mun bhuaidh a bhios air an obair-leasachaidh air na tha a' fuireach air an taobh aice-se de dh'Aiseag a' Chorrain

Mhìnich iad an cuid draghan do Chomhairle na Gàidhealtachd mun seo, tha i ag ràdh.

Thuirt i: "A bhith cothromach do luchd-obrach na Comhairle, chan eil gu leòr airgid ann airson an leasachadh a tha dhìth a dhèanamh gu ìre a bhios a' freagairt air gach taobh den aiseag an-dràsta.

"Ach seo an taobh far a bheil daoine a' tighinn beò agus tha iad a' crochadh air seirbheis an aiseig ged a bhitheadh barrachd chàraichean a' tighinn bhon taobh eile, rud nach eil mise an dùil a tha fìor o chionn ma thèid iad ann feumaidh iad tighinn às.

"'S e an taobh againne far a bheil taighean, clann, obraichean agus gnìomhachasan.

"Sin far a bheil an obair mhòr gu bhith a' tachairt agus ma tha sibh a' dol a bhith a' cur bheathan bun os cionn le leasachadh air bun-structar feumaidh sibh rud a dhèanamh a tha a' dol a fhreagradh air a' choimhearsnachd againne," thuirt Ms NicUalraig.