Ghlacadh dà lioncs a leigeadh mu sgaoil gu mì-laghail air Ghàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Chaidh lorg fhaighinn air dà lioncs a chaidh a leigeil mu sgaoil gu mì-laghail air a' Ghàidhealtachd.
Dhearbh Comann Ainmh-eòlach Rìoghail na h-Alba gun deach na cait fhiadhaich a ghlacadh le eòlaichean ann an dòigh nach dèanadh cron orra oidhche Chiadain.
Rinn an carthannas càineadh air mar a chaidh na cait a chur mu sgaoil gun chead agus thuirt iad gun robh a h-uile coltas gum biodh iad air bàs fhaighinn air a' bhlàr a-muigh.
Thuirt iad gun robh coltas orra gun robh iad fallainn agus thug iad 'The Killiehuntly Two' orra.

Chaidh na cait fhiadhaich fhaicinn ann an coille faisg air Ceann a' Ghiùthsaich
Tha na beathaichean a-nise gan cumail ann am Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd mus tèid an cur gu Sù Dhùn Èideann.
Thòisich na Poilis sgrùdadh an dèidh mar a chaidh na cait fhiadhaich fhaicinn faisg air Ceann a' Ghiùthsaich feasgar Diciadain.
Tha Poileas Alba ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh air mar a fhuair na cait mu sgaoil fios a chur orra air an loidhne neo-èiginneach aca., taobh a-muigh

Bha luchd-obrach bho Phàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd an sàs san iomairt
Bha luchd-obrach bho Phàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd air taic a thoirt do na Poilis ann a bhith a' faighinn lorg air na beathaichean.
Chaidh rabhadh a thoirt dhan phoball gun a dhol faisg air na cait.
Thuirt Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh gun robh na beathaichean diùid agus nach robh iad nan cunnart mòr do dhaoine ach nach bu chòir a dhol faisg orra.

'S e gnè dhùthchasach do dh'Alba a th' anns an lioncs
Bha na cait fhiadhaich dùthchasach do Bhreatainn aig aon àm ach chuir Mac-an-duine à bith iad bho chionn eadar 500 agus 1,000 bliadhna.
Tha cuid de bhuidhnean glèidhteachais airson an lioncs a thilleadh a dh'Alba.
Tha Aonadh nan Tuathanach an aghaidh na h-iomairt seo agus dragh ann gum faod an lioncs ionnsaigh a thoirt air na h-uain aca airson biadh fhaighinn.