Gluasad gus Comhairle na Gàidhealtachd a bhriseadh suas

A' Chananaich
  • Air fhoillseachadh

Thèid gluasad a tha a' moladh Comhairle na Gàidhealtachd a bhriseadh suas air beulaibh an ùghdarras ionadail Diardaoin.

'S iad naoidhnear chomhairlichean bho sgìrean air feadh na Gàidhealtachd a tha air an gluasad a chur air adhart.

Tha am pàipear ag ràdh gu bheil "grunn riochdairean a th' aig àrd-ìre ann an Riaghaltas na h-Alba air a ràdh roimhe gu bheil sgìre Comhairle na Gàidhealtachd ro mhòr", is gu bheil taic a' sìor fhàs 'son ath-sgrùdadh air an t-suidheachadh, is 'son an t-ùghdarras a bhriseadh suas agus comhairlean nas lugha a stèidheachadh.

Thathas ag ràdh gun deach an siostam a th' ann "a sparradh air an sgìre bho chionn cha mhòr 30 bliadhna mar dheuchainn, gun feart a thoirt air feumalachdan dhaoine is choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd".

Tha an gluasad ag ràdh, a dh'aindeoin deagh rùn na comhairle, nach eil an suidheachadh a th' ann a' freagairt air sluagh is coimhearsnachdan a tha fada bho chèile is le diofar feumalachdan.

Chan urrainn do bhuill an-dràsta "ach an dìcheall a dhèanamh taobh a-staigh siostam anns a bheil laigsean bunaiteach".

Tha na comhairlichean a tha air an gluasad a chur air adhart ag iarraidh gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air "ùghdarras no dòigh riaghlaidh ùr a bhiodh a' freagairt na b' fheàrr air feulamachdan ar coimhearsnachdan", is gu bheil buill aig àrd-ìre aig Holyrood mar-thà air taic a thabhainn le seo.

Mar a' chiad cheum, tha iad ag iarraidh air ceannard na comhairle sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Aba, is gun tòisich an t-ùghdarras ionadail fhèin air beachdan chomhairlichean a thrusadh is buidheann-obrach a stèidheachadh.

Thèid an gluasad a dheasbad aig an làn-chomhairle Diardaoin, taobh a-muigh.