A bheil seann dòighean buain na mònadh a' dol à bith?

Poll mònadh
  • Air fhoillseachadh

Àite loma-làn thraidiseanan a th' anns na Hearadh. Ach ann a bhith a’ toirt sùil nas dlùithe, chithear traidiseanan a tha cuid de dhaoine a' smaoineachadh a tha a' crìonadh mean air mhean.

'S e aon dhuibh sin a bhith a' buain na mònadh le tairgseir.

Bha àm ann far am faiceadh tu teaghlaichean airson mìltean air a' mhòintich ach an-diugh, tha nas lugha agus nas lugha de dhaoine a’ buain na mònadh, gu h-àraid le tairsgeir.

Don chuid mhòir de theaghlaichean anns na Hearadh b' e obair chruaidh a bh’ ann eadar a bhith a' feannadh, a' buain, a' togail, a' rùghadh, a bhith ga cruachadh, uaireannan ga tughadh agus an uair sin ga toirt dhachaigh.

Fo-thiotal an deilbh,

Niall MacAoidh agus na bhuain e fhèin (is Ted an cù) leis an digear.

Chruthaich Iain MacEanraig ann an Nis an uidheamachd bho chionn 11 bliadhna.

Tha an digear a’ gearradh na mònadh anns an aon dòigh 's a tha tairsgeir ga dhèanamh ach chan eil e a' fàgail do dhruim goirt. Tha e a’ fagail na mònadh na seasamh dìreach mar gum biodh tu air a’ chiad rùghan a dhèanamh.

Ann an ceann a deas Na Hearadh co-dhiù, bidh a’ chuid mhòr de dhaoine a’ cleachdadh an digeir a-nise.

Thuirt Niall MacAoidh às an Taobh Tuath, a tha a’ cleachdadh an digeir:

“Glè bheag a tha a' buain na mònadh am-bliadhna agus bho chionn bhliadhnaichean air ais, ach ’s dòcha gu bheil barrachd a’ tighinn air ais thuice. Tha òla a' fàs daor, tha dealan a' fàs daor.

“'S e as miosa an-diugh nach fhaigh thu daoine a nì buain ann, chan fhaigh thu daoine còmhla riut. Sin as coireach gu bheil innealan mar seo ann.

“Bha tòrr obrach ann ach an uair sin (nuair a bha esan òg) bha tòrr theaghlaichean ann agus tòrr a’ bharrachd ùine aca.

“Tha e math don inntinn a-muigh an seo ach dìreach gu bheil e duilich gu bheil thu leat fhèin.”

Fo-thiotal an deilbh,

Cally MacChoinnich, an tairsgeir agus an cù, Moss.

Tha an tairsgeir a th’ aig Cally MacCoinnich à Srannda timcheall air ceud bliadhna a dh’aois agus 's e Calum 'Steallag' MacLeòid ann an Steòrnabhagh a rinn e. Aig bonn an tairsgeir, tha trì dotagan beaga, am marc a bh’ aige airson nan iarainnean mònadh a bha e fhèin air a dhèanamh.

Bidh Cally a’ cleachdadh an dà chuid an tairsgeir agus an digeir.

“'S e digear as fhasa, chan eil e cho trom air mo chorp ach ’s toil leam a bhith a’ cleachdadh an tairsgeir far a bheil am poll domhain," thuirt e.

"Bheir mise ceithir fòid as a’ pholl a tha seo, cha toir digear às ach a trì.

"Tha barrachd dhaoine a-nise a’ buain na mònadh air sgàth ’s gu bheil digear ann. Chan fhaigh thu daoine airson buain ann, sin a tha gam fhàgail leam fhèin an-diugh.”

  • Tairsgeir peat iron

  • Feannadh/rùsgadh removing the top turf

  • Ceap single turf

  • Bàrr fhàd top layer peat

  • Fàd single peat

  • Caoran small brittle peat, good for the fire

  • Smùr peat dross

  • Rùdhan small heap of peat

  • Cruach peat stack

  • Tughadh turf thatching for peat stack