Dàil eile air an MV Caledonian Isles

MV Caledonian IslesTùs an deilbh, Calmac Ferries Ltd
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh CalMac gu bheil dàil a bharrachd air an MV Caledonian Isles is gun toir an suidheachadh buaidh air slighean eile san lìonra.

Chaidh an t-aiseag, a bhios a' seòladh eadar Àird Rosain is Arainn, dhan doc airson seirbheis bliadhnail aig toiseach an Fhaoillich.

Tha i am measg nam bàtaichean as sine a th' aig CalMac.

Tha a' chompanaidh a-nise air innse gu bheil feum air stàilinn ùr is obair-càraidh eile a bhios a' ciallachadh gum bi dàil mu cheithir mìosan uile gu lèir mus till i gu seirbheis.

Thuirt CalMac gu bheil iad a' coimhead ris a' bhuaidh a bheir seo air clàran-ama an t-samhraidh is gun tèid planaichean ùra fhoillseachadh ro Dhiluain an 4mh den Mhàrt.

"Tha fios againn gum bi an naidheachd seo na buille do choimhearsnachdan air feadh na lìonra is tha sinn duilich mu dheidhinn", thuirt àrd-oifigear ChalMac, Robbie Drummond.

"Tha an sgioba againn a' coimhead ris a h-uile roghainn a th' ann a thaobh mar a thèid na bàtaichean againn a chur gu feum feuch a' bhuaidh air coimhearsnachdan is luchd-siubhail a lùghdachadh, ach bidh buaidh air slighean eile san lìonra", thuirt e.

Dh'innis Mgr Drummond a-rithist gu bheil CalMac fo uallach mhòr le bàtaichean a tha a' fàs nas sine is barrachd airgid air a chosg air obair-càraidh na bh' ann riamh ron seo.

Thuirt e gu bheil cruaidh fheum air na bàtaichean ùra ris a bheil dùil anns na bliadhnaichean ri thighinn.