Dùnaidhean aig an Rest and Be Thankful san amharc

Rathad an A83 aig an Rest and Be ThankfulTùs an deilbh, Còmhdhail Alba
  • Air fhoillseachadh

Chaidh planaichean fhoillseachadh airson an A83 aig an Rest and Be Thankful ann an Earra-Ghàidheal a dhùnadh airson obair-rannsachaidh.

Thuirt Còmhdhail Alba gun tèid slighean eile timcheall air an sgìre a chomharrachadh airson obair a dhèanamh air an leathad os cionn an rathaid.

Bidh am prìomh rathad dùinte eadar 08:00m agus 6:00f air 28mh agus 29mh den Iuchar, agus a-rithist air an 11mh agus 12na den Lùnastal.

Thèid carbadan a stiùireadh gu ruige seann rathad an airm fhad 's a tha an obair a' dol air adhart.

Mar phàirt den obair sin, bidh uidheamachd shònraichte tollaidh ga chur an sàs air thoiseadh air an obair-togail airson tunail mìle de dh'fhaid a thogail airson càraichean a dhìon bho mhaoimtean-slèibhe.

Chaidh sreath de thachartasan a chumail as t-earrach 2024 airson fiosrachadh a thoirt seachad dhan phoball mu na h-oidhirpean airson an rathad a leasachadh.

Agus dh'innis Còmhdhail Alba an-uiridh gu bheilear an dùil tunail a tha fosgailte air aon taobh a thogail mar fhuasgladh dhan trioblaid.

Thuirt Còmhdhail Alba gun tèid dràibhrearan a stiùireadh air na slighean eile airson an cumail sàbhailte.

A rèir Mhanaidsear a' Phròiseict, Gòrdan Ramsey, tha na h-obraichean a tha rim faicinn air cliathaich na beinne riatanach airson rannsachadh a dhèanamh air an talamh.

"Tha na h-obraichean seo riatanach airson fiosrachadh a thoirt dhan obair-dealbhachaidh agus dha na leasachaidhean.

"Bheir sin dhuinn tuigse nas fheàrr air an staid anns a bheil an talamh air an leathad.

"Bidh an obair gu sònraichte a' coimhead air cho làidir agus cho domhain 's a tha na creagan agus cò ris a tha gnothaichean coltach fo uachdar na talmhainn."

Thuirt Còmhdhail Alba cuideachd gu bheil iad ag aithneachadh gum faodadh seo beagan thrioblaidean adhbharachadh do dhaoine ach gu bheil iad "ag amas air an sgìre comhairle seo a chumail fosgailte do ghnothachasan".