Aithisg gu Neach-casaid às dèidh tubaiste air an A835

- Air fhoillseachadh
Tha an A835 ann an Siorrachd Rois fosgailte a-rithist às dèidh tubaiste na bu thràithe Diciadain.
Chaidh na poilis a ghairm dhan tubaist faisg air Gairbh, anns an robh dà charbad an sàs, mu 10:00m.
Bha an rathad dùinte airson beagan uairean de thìde fhad 's a bhathar a' rannsachadh na cùise agus chaidh iarraidh air draibhearan slighe eile a ghabhail
Cha deach duine sam bith a ghoirteachadh anns an tubaist.
Dhearbh Poileas Alba gun tèid aithisg mu fhear de na draibhearan, a tha 18 bliadhna de dh'aois, a chur gu Neach-casaid a' Chrùin ann an co-cheangail ri eucoirean trafaig.