An tig am Pàpa a dh'Alba?

Nuncio a' Phàpa, Miguel Maury Buendía
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh am Pàpa Leo tighinn a dh'Alba, a rèir Nuncio a' Phàip a Bhreatainn Miguel Maury Buendía.

'S e an Nuncio tosgaire a' Phàpa dhan Rìoghachd.

Tha e a' tadhal air sgìre-easbaig Earra-Ghàidheal 's nan Eilean an-dràsta.

Thachair e ri creidmhich anns an Òban Dimàirt, agus bha feadhainn às na h-eileanan an làthair air-loidhne.

"Bha buidhean de 15 no 16 duine o air feadh na sgìre-easbaig anns an taigh aig an Easbaig, 's bha an Nuncio airson a bhith ag èisteachd ris a h-uile duine," thuirt tè de na bha an làthair air ceangal air-loidhne, Marybell Nic an t-Saoir, à Uibhist a Deas.

"Dh'èist e rinn uile, agus an uair sin, faisg air crìoch na coinneimh, thuirt esan, fhad 's a bha e ag èisteachd gun robh e a' tuigsinn cho sgapte 's a bha sinn anns an sgìre-easbaig seo.

"Chunnaic e gum biodh duilgheadasan ann, ach cuideachd 's ann a bha e ag ràdh gur e neart a bh' ann.

"Toilichte aig an deireadh"

"Bha e ag ràdh, nuair a tha coimhearsnachd bheag agad, gu bheil daoine nas fhaisge air a chèile, agus tha barrachd chothroman ann buaidh a bhith agad air daoine eile.

"Bha cothrom aig daoine ceistean fhaighneachd. "An robh am Pàpa ùr a' dol a thighinn a dh'Alba air thuras?" agus thuirt an Nuncio "oh gu dearbha!" gun robh e a' smaoineachadh gum bi."

"Mar sin bha sinn gu math toilichte aig an deireadh."

Bha dùil ris an Nuncio ann an Uibhist Diardaoin, ach air sgàth mar a thàinig atharrachadh air na bàtaichean aiseig, chaidh sin a chur dheth.

"Na bhriseadh-dùil mòr," thuirt Marybell.

"Bha na paraistean a' tighinn còmhla 's bha sinn a' dèanamh Aifreann 's bha còisir gu bhith againn 's bha sinn ag ionnsachadh laoidh ùir air a shon.

"Tha briseadh-dùil ann gun teagamh."