Highland Cross aig 40

Highland Cross 2013Tùs an deilbh, Maree NicNeacail
  • Air fhoillseachadh

Turas 50 mìle air chois agus air baidhseagal bho Chinn t-Sàile air a' chost an iar gu a' Mhanachainn air a' chost an ear, sin agaibh an Highland Cross.

Tha a' bhuidheann a tha ga ruith a' comharrachadh gur e seo an 40mh bliadhna den rèis.

Thèid a cumail am-bliadhna Disathairne an 22mh den Ògmhìos.

'S ann airson airgead a thogail do charthannasan air a' Ghàidhealtachd a chaidh an tachartas a chur air chois anns a' chiad àite agus thar an 40 bliadhna mu dheireadh tha iad air £5.9m a chruinneachadh uile gu lèir.

Bha mu 100 farpaiseach sa chiad rèis ann an 1983. Tha sin a-nis air leudachadh gu faisg air 800 duine.

'S ann air chois a tha a' chiad 20 mìle eadar Cinn t-Sàile agus Gleann Afraig agus faodar sin a ruith no a choiseachd.

Bithear an uairsin air baidhseagal airson an 30 mìle gu ruige na Manachainne.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Calum Rothach air a bhith an sàs san tachartas bho thùs

'S iad dithis charaidean a bha ag obair dhan t-seirbheis smàlaidh ann an Inbhir Nis a chuir air dòigh an tachartas sa chiad àite.

B' e fear dhiubh Calum Rothach: "Thòisich e mar fealla-dhà eadar mi fhìn agus fear a bha ag obair còmhla rinn.

"S ann à Srath Ghlais a bha esan agus bhiodh e a' cluich iomain agus bha e roimhe air a dhol eadar Srath Ghlais agus Cinn t-Sàile airson geama.

"Thionndaidh sinn sin mu chuairt. Thòisich sinn ann an Cinn t-Sàile agus chaidh sinn air na baidhseagalan ann an Afraig agus air a' chiad bhliadhna chaidh sinn cho fada ri Inbhir Nis."

Bha dùil aca nach biodh e ann ach aon turas ach thog iad tòrr a bharrachd airgid na bha dùil aca agus thòisich daoine a' cur fios thuca a' faighneachd cuin a bha iad an dùil an ath fhear a chur air dòigh.

Feumaidh triùir a bhith anns gach buidheann a tha a' farpais, chan fhaod càil a bharrachd na 265 sgiobaidhean a bhith ann agus feumar cuireadh fhaighinn airson a bhith ann.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Highland Cross aig 40

Tha Eachann MacNeacail air an turas a dhèanamh iomadach uair, ach 's e a bhean Mòrag, nach maireann, a bhrosnaich an teaghlach a bhith ris.

Tha iad - mar theaghlach - air a bhith an sàs ann fad 35 bliadhna a-nis.

Rinn Mòrag 18 dhiubh ann an sreath agus seo an ochdamh turas aig Eachann: "Seo am fear as duilghe dhiubh. Tha daoine a' fàs sean!"

Tha an turas cudromach dhan nighinn aige Laura Shewan cuideachd agus ise ga dhèanamh airson a’ chiad turas agus i nis 40 bliadhna a dh’aois: "Sin an aois a bha mo mhàthair nuair a thòisich ise agus tha cuimhne agam cho excited 's a bhiodh i an oidhche ron Highland Cross.

"Thòisich mi a bhith a' cuideachadh nuair a bha mi naoi bliadhna a dh'aois còmhla ri na Brownies agus tha mi air a bhith aig stèisean no dhà bhon uairsin agus bha mi aig an changeover an-uiridh còmhla ri Dad, agus thuirt sinn carson nach dèanadh sinn an ath-bhliadhna e?

"Tha mise a-nis 40, agus bha mo mhàthair 40 nuair a thòisich ise gan dèanamh - 's thuirt mi, uill, seo a' bhliadhna."

Tùs an deilbh, Maree NicNeacail
Fo-thiotal an deilbh,

Morag NicNeacail agus an nighean, Sarah Nic a' Ghobhainn, an dèidh dhaibh crìoch a chur air a Highland Cross ann an 2015

'S e prìomh amas an tachartais airgead a thogail do dhiofar charthannasan a tha stèidhichte air a' Ghàidhealtachd agus a rèir Chaluim, tha an tachartas a' sealltainn mar a tha muinntir na sgìre a' tighinn còmhla.

Tha tòrr dhaoine gan cuideachadh gu saor-thoileach.

Tha iad a' faighinn taic bho uachdarain agus tha cuid de charthannasan gan cuideachadh a h-uile bliadhna fiu 's mura h-eilear a' togail airgid dhaibhsan air a' bhliadhna sin.

"Tha clann agus oghaichean feadhainn a bh' ann bho thùs a-nis an sàs ann - a' farpais no a' cuideachadh gu saor-thoileach.

"Gun obair nan daoine mìorbhaileach sin cha thachradh càil," thuirt Calum.

Tùs an deilbh, Maree NicNeacail
Tùs an deilbh, Maree NicNeacail
Fo-thiotal an deilbh,

Calum Rothach a' cumail smachd air cùisean

'S e a bhios a' dèanamh dragh do mhòran a-nis ach dè an seòrsa aimsir a bhios ann là na rèise.

Chan iarradh Eachann là ro bhlàth: "Chan eil sinn ag iarraidh là mar a bh' ann an-uiridh 'son bha e fada, fada ro theth. Gun tuilleadh 's a chòrr de dh'uisge - smùgradh uisge - bhiodh sin math!"

Tùs an deilbh, Maree NicNeacail
Fo-thiotal an deilbh,

Heileacoptair a' feitheamh air eagal 's gum feum cobhair a bhith air a dhèanamh air cuideigin.

Tùs an deilbh, Maree NicNeacail
Fo-thiotal an deilbh,

Na baidhseagalan a' feitheamh ri na farpaisich